Skip to content
SMO Generic Banner Image

‘˜S i Heather Clyne a choisinn duais Oileanach na Bliadhna – Sabhal Mòr Ostaig OGE



Shiubhail a’ bhana-Ghàidheal Heather Clyne air feadh an t-saoghail mar eòlaiche-mara an dèidh ceumannan a chosnadh an Dùn Dèagh is Dùn Èideann’ agus i a-nis na h-oileanach an t-Sabhail Mhòir, a tha na pàirt de Oilthigh na Gàidhealtachd, rud a tha na adhbhar moit dhi.

Tha Heather na h-oileanach air an treas bliadhna den cheum Cànan agus Cultar na Gàidhlig agus choisinn i duais Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig OGE mar thoradh air a cuid oidhirp às leth na Gàidhlig agus a sàr sgoilearachd.

Nuair a bha i san sgoil bha Heather an sàs anns na cuirmean fìdhle a thog airgead don cholaiste Ghàidhlig’ agus, na b’ fhaide air adhart, nuair a bha i aig Colaiste Inbhir Nis, tha cuimhne aice gu robh fìor ùidh mhòr aice san deasbad air cruthachadh Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE).

Cha robh OGE ann nuair a chaidh Heather a Dhùn Dèagh airson ceum ann an saidheans bith-eòlais is a dh’™Oilthigh Napier, Dùn Èideann airson PhD ann an dealbhadh coimpiutaireachd is saidheans nam mucan-mara. Bha i an sàs thall’˜s a-bhos ann an tuathanachas-èisg is stiùireadh àrainneachd na mara.

Thuirt i:’Bha cothrom rannsachaidh san sgìre agam fhìn air leth tarraingeach, ach cha robh na cothroman ann an uair sin. Bha mi fhìn am measg iomadh Gàidheal òg a dh’™fheumadh fàgail.’

‘Tha mi a-nis a’ coilionadh an rùin a bh’ agam gun dèanainn rannsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig OGE mar phàirt den oilthigh againn fhìn. B’ e rud a bu mhiann leam a-riamh.’ 

A bharrachd air clann a thogail is obair-chùrsa aig ìre àrd a thoirt gu buil, tha Heather ga bogadh fhèin ann am beatha na Colaiste is na coimhearsnachd air fad. Tha i a’ cuideachadh le tursan rannsachaidh is co-labhairtean; a’ draibheadh meanbh-bhus na colaiste, a leigeas le oileanaich eile iomadh rud a dhèanamh; ag obair an tasglann na colaiste, is ghabh i pàirt ann an dealbh-cluiche Gàidhlig aig toiseach na bliadhna.

Choisinn Heather duais Chomann na Gàidhlig an-uiridh airson Gàidhlig a bhrosnachadh agus tha an stiùiriche cùrsa aig Heather, Mark Wringe, den bharail gu bheil a cuid oidhirp às leth a’ chànain, ann an dòigh càirdeil socair, na deagh eisimpleir do chàch.

Thuirt Mark,’Tha Heather air a bhith soirbheachail a’ brosnachadh àrainn làn-Ghàidhlig am measg nan oileanach a chionn’˜s gu bheil an dòigh aice càirdeil, coibhneil, mothachail, fiosrachail agus com-pàirteachail agus air sàilleabh sin tha na h-oileanaich eile air leth dèidheil oirre.’

Tha Heather à Gleann Fhionnain bho thùs is a’ fuireach san Eilean Sgitheanach a-nis agus choisinn i moladh àraid ann an co-fharpais bhàrdachd nuair a thuirt britheamh gun robh a bàrdachd aig ìre fìor àrd do neach-ionnsachaidh.

Tha Heather a’ faighinn £100 an lùib duais oileanach na bliadhna agus thèid i air adhart mar thagraiche an t-Sabhail Mhòir airson duais oileanach na bliadhna air feadh OGE, cuide ri oileanaich bho na colaistean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Rinn Mark moladh air Heather mar an dearbh seòrsa oileanach a tha feumach air Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus air bheil OGE fhèin feumach”inbhich às an sgìre a tha dìorrasach is dìcheallach a tha airson fuireach an seo, ionnsachadh an seo agus airson cur ri ar coimhearsnachdan.’

Bha Heather airson Gàidhlig ionnsachadh o chionn fhada is tha e na thlachd dhi gun tèid agad air a h-ionnsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig OGE. Tha clann Heather, Fhian, 18, Christopher, 11, agus Irene, 7, uile dà-chànanach.

Bidh Heather is a teaghlach a’ dol a dh’™Èirinn as t-fhoghar far am bi i na h-oileanach aig Choláiste Ollscoile, Baile Átha Cliath, an lùib prògram iomlaid Ghàidhlig na bliadhna le urram.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578