Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sabhal Mòr Ostaig 2010 Ceumnachd agus na Sàr Ghàidheil



Thug Sabhal Mòr Ostaig duais nan Sàr Ghàidheal do dhithis a tha air mòran saothrach a dhèanamh às leth a’ chànain, Flòraidh NicNèill agus Calum MacFhearghuis, aig Ceumnachd an t-Sabhail o chionn goirid. Chaidh na duaisean a bhuileachadh orra air sgàth an cuid obrach a’ brosnachadh na Gàidhlig.

Thuirt an Siorram Ruairidh Iain MacLeòid, Cathraiche Bòrd Stiùiridh na Colaiste:’Tha e cudthromach is iomchaidh gu bheil sinn a’ cur urram air Flòraidh agus Calum air an dearbh latha’˜s a tha sinn a’ comharrachadh saothair oileanaich na Colaiste. Chan eil eisimpleir nas fheàrr do na h-oileanaich, a tha a’ tòiseachadh air a’ cheum ùr seo nam beatha, na Flòraidh is Calum is mar a tha iad iar a bhith cho dealasach is dìcheallach don chànan.’˜S e Gàidheil urramach dha-rìreabh a th’ annta.’

Rugadh Flòraidh ann am Barraigh ann an 1928, is bha i air a cuairteachadh le òrain Ghàidhlig a màthar is a teaghlaich. Chaidh i a dh’™fhuireach ann an Dùn Èideann nuair a bha i 19 bliadhna a dh’™aois, is thoisich i a’ seinn aig cèilidhean is air clàraidhean Sgoil Eòlais na h-Alba. Ann an 1950 chaidh iarraidh oirre a sheinn aig an taisbeanadh Living Traditions, is chuireadh Nighean Guth an Òir orra. Chunnaic Fred MacAmhlaigh i an sin is dh’™iarr e oirre a thighinn a sheinn air an rèidio. Dh’™iarr Hamish Henderson air Flòraidh is triùir eile seinn aig The People’s Festival, fèis a chuir ath-bheothachadh ceòl traidiseanta air a chois. Bha Flòraidh air an àrd-ùrlar ann an iomadh àite air feadh an t-saoghail, rinn i iomadh clàr ciùil, bha i air caochladh prògraman rèidio is telebhisein agus a-nis tha i a’ cur seachad a tìde a’ teagasg nan òran luachmhor sin don ath ghinealach, is don teaghlach aice fhèin. Chaidh MBE a bhuileachadh oirre ann an 1992 agus choisinn i ballrachd Talla nan Laoch aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba aig a’ BhBC.

Rugadh Calum MacFhearghuis san Àird, Eilean Leòdhais ann an 1929. O nach do shaoil a thidsearan mòran den obair sgoile aige dh’™fheuch Calum cùrsa sa cholaiste ealain ach an dèidh sia mìosan chaidh innse dha nach dealbhadair e na bu mhotha. Ach chunnaic a phàrantan is a bhràthair na chaidh seachad air siostam an fhoghlaim. Mar sin, chaidh tidsear fhasdadh leotha fhèin airson dèanamh cinnteach gun ruigeadh Calum ìre an oilthigh. An dèidh a cheum a chosnadh fhuair Calum a theisteanas teagaisg is chuir e seachad iomadh bliadhna a’ teagasg Matamataig, Beurla is Cruinn-eòlas. Ann an 1958 chlàraich Calum a’ chiad chùrsa Gàidhlig ioma-mheadhain, Sath. Bha Calum a-nis air crois-rathaid a ruigsinn na bheatha on a shaoil e gu robh an ceangail eadar foghlam is na meadhanan air leth brosnachail. Ann an 1961 leig e dhe a dhreuchd mar thidsear is chaidh e na riochdaire air prògraman foghlaim air an rèidio don BhBC. Anns an eadar-ama sgrìobh Calum iomadh leabhar luachmhor, a leithid Hiort: Far na Laigh a’ Ghrian, an t-aon leabhar air Hiort a chaidh a sgrìobhadh sa Ghàidhlig, agus tha e air iomadh prògram rèidio Gàidhlig a riochdachadh. Thuirt an Siorram Ruairidh Iain MacLeòid, nam b’ fheudar dha Gàidheal a mhìneachadh chan fheumadh e ach Calum fhèin a shònrachadh.

Cheumnaich 40 oileanach is thug Prionnsabal OGE, Seumas Friseal, an teisteanasan dhaibh. Bha Lorna NicDiarmaid is Josie NicLeòid am measg na feadhna a bha a’ ceumnachadh, na ciad oileanaich a rinn an ceum MA Gàidhlig agus Foghlam, anns a bheil teisteanas foghlaim Oilthigh Obar Dheathain. B’ i Lindsey NicMhìcheil a’ chiad oileanach a choisinn an ceum BA Gàidhlig is Ceòl Tradaiseanta, a chaidh a dhearbhadh gu ìre urraim o chionn goirid. Choisinn Siùsaidh NicNèill teisteanas airson STREAP, cùrsa CPD airson thidsearan’ prògram co-obrachaidh eile le Oilthigh Dhùn Èideann.

‘˜S i Robyn Pheutan às Inbhir Nis a choisinn duais OGE airson oileanach na bliadhna aig an t-Sabhal Mhòr agus chaidh duais Fhearchair Mhic an Tòisich, airson an oileanaich a dh’™obraich gu ìre àrd de fhoghlam, a bhuileachadh air Caitlín NicRodaigh à Ceap Breatainn.’˜S i Lindsey NicMhìcheil a choisinn ciad duais Chalum Bhàin’ airson sàr obair air òrain is ceòl’ mar chuimhneachan air Calum Robasdan nach maireann, bha na Stiùiriche Seirbheisean Corparra na Colaiste fad iomadh bliadhna.

‘˜S e Dòmhnall Iain MacAonghais, Ceannard Scotland Europa is ball Bòrd an t-Sabhail Mhòir a thug òraid na Ceumnachd seachad.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578