Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sabhal Mòr Ostaig a’ cur fàilte air Sgrìobhadair agus Neach-Ealain ùr na Colaiste



Thathas toilichte dhà-rìreabh fàilte a chur air Pàdraig MacAoidh agus Aileen Stackhouse mar Sgrìobhadair agus Neach-ealain Lèirsinneach air Mhuinntireas Bidh Pàdraig còmhla rinn airson bliadhna agus Aileen airson ceithir mìosan.

‘˜S ann à taobh siar Eilean Leòdhais a tha Pàdraig (ged a tha a mhàthair às an Eilean Sgitheanach). Thug e a-mach for-cheum air bàrdachd Sheumais Heaney agus William Wordsworth aig Colaiste na Trianaid ann am Baile Ath Cliath. Bha e na òraidiche aig Colaiste na Trianaid agus na Neach-rannsachaidh aig Oilthigh na Bànrigh ann am Beul Feirste. Chaidh leabhar de bhàrdachd, From Another Island, fhoillseachadh le Clutag Press ann an 2010; sgrìobh e monograph Sorley MacLean (RIISS, 2010)  agus dheasaich e an leabhar Modern Irish and Scottish Poetry (Cambridge University Press, 2011) còmhla ri dithis eile bho Oilthigh na Bànrigh. Tha a chuid bàrdachd air fhoillseachadh ann am Breatainn agus Èireann agus o chionn ghoirid bha e ag obair mar neach-naidheachd aig a’ BhBC.

Thuirt Pàdraig, “‘™S e urram mòr a th’ ann dhomhsa a bhith nam sgrìobhadair aig Sabhal Mòr Ostaig, agus’s e dùbhlan a th’ ann cuideachd, leis cho ealanta agus sgileil a tha na sgrìobhadairean a bh’ ann an seo roimhe. Anns a’ bhliadhna ri teachd, tha mi’n dòchas gun urrainn dhomh rud beag a thoirt dha beatha cultarach na colaiste agus an eilein, agus brosnachadh a thoirt dha duine sam bith a tha a’ sireadh taic le bhith a’ sgrìobhadh.”

Tha ceumannan aig Aileen bhon Oilthigh Fhosgailte agus Colaiste Duncan of Jordanstone. Tha cuideachd Ceum Maighstir aice ann am Fine Art agus chuir i crìoch air PhD air an robh an tiotal’Trahere; the sense of unease in making a mark; the practice of drawing and the practice of thinking”. Bha i ag obair mar Teaching Fellow aig School of Fine Art ann an Dùn Deagh agus tha i air a bhith a’ taisbeanadh a h-obair airson dà bhliadhna dheug.

Thuirt Aileen,’Tha an obair agam a’ dèiligeadh ri mar a tha smuaintean agus beachdan a’ toirt rudan ùra ann an ealain gu bith. Tha mì den bheachd gu bheil e cudromach dhuinne a bhith ag ionnsachadh sgilean ùra agus dòighean ùra air a bhith smaoineachadh mu dheidhinn chùisean. Tha mì gu bhith ag ionnsachadh Gàidhlig fhad’s a tha mi san dreuchd agus bidh an obair agam mar fhreagairt air a bhith ann an seo anns an Eilean Sgitheanach aig Sabhal Mòr Ostaig. Aig an ìre seo chan eil fhios agam dè an dreach a bhios air an obair-ealain’.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578