Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sabhal Mòr Ostaig a’ faighinn sàr mholadh bho luchd-sgrùdaidh HMIe



Tha  Luchd-sgrùdaidh na Banrìgh airson Foghlaim air aithisg fhoillseachadh, as leth Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, a tha a’ dèanamh moladh mòr air mar a tha Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, a’ toirt seachad foghlam aig ìre leantainneach.

Chaidh an sgrùdadh a dhèanamh thairis air cola-deug sa Ghiblean 2011, nuair a chaidh measadh a dhèanamh, gu h-àraidh, air Cùrsaichean Goirid na Càisge agus air A’ Chùrsa Inntrigidh, an cùrsa ionnsachaidh cànain aig astar a tha air duaisean a chosnadh.  Le bhith a’ coimhead air agus a’ meas dòighean ionnsachaidh agus teagaisg, fhuair an Luchd-sgrùdaidh eisimpleirean de shàr mhaitheas sna dòighean sa bheil oileanaich ag ionnsachadh agus a’ ruighinn ìrean àrda; mar a tha luchd-teagaisg na Colaiste a’ toirt seachad foghlam agus mar a tha a’ Cholaiste air a ruith.

Thuirt Cathraiche an t-Sabhail, An Siorram Ruaraidh Iain MacLeòid,’Tha mi a’ cur fàilte air an aithisg a tha seo.  Tha i a’ dearbhadh cho math sa tha am foghlam leantainneach a tha sinn a’ toirt seachad aig Sabhal Mòr Ostaig.  Tha moladh ga dhèanamh air a’ cheangal làidir a tha eadar an luchd-teagaisg agus an luchd-ionnsachaidh leis a h-uile duine an sas ann a bhith a’ feuchainn ri ìre an fhoghlaim a tha sinn a’ toirt seachad àrdachadh bho bhliadhna gu bliadhna.  Tha an aithisg cuideachd a’ cur an cèill cho iomchaidh agus a tha am foghlam sin a rèir feumalachdan agus iarrtasan an luchd-ionnsachaidh.  Bu mhath leam
meal-a-naidheachd a chur air a’ Phrionnsapal an t-Oll Boyd Robasdan agus Ceannard an Fhoghlaim, Iain Tormod MacLeòid, agus air a h-uile duine eile a tha, le saothair mhòr agus fhada, air an teisteanas a tha seo a chosnadh dhan Cholaiste.  Tha na tha an aithisg ag ràdh a’ daingneachadh ar seasamh mar Ionad Sàr Mhaitheas na Gàidhlig ann an Alba agus, gu dearbh , anns an t-saoghal.’

Chaidh dà iomairt co-phàirteachaidh a shònrachadh mar eisimpleirean de shàr chleachdadh.  Bha  an cùrsa Ionnsachadh tro Chultair Beò, cùrsa a ruith fad còig latha ann an ceann a tuath an eilein air leth soirbheachail ann a bhith a’ toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh barrachd ionnsachadh bho mhuinntir na coimhearsnachd fhèin agus ann a bhith ag adhartachadh an comasan labhairt agus a’ doimhneachadh an cuid eòlais mu chultair, eachdraidh agus litreachas na Gàidhlig.  B’ ann tro cho-obrachadh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Baile Fhlòdaigearraidh a thàinig a’ chùrsa seo gu bith.  Tha ceangal làidir ann cuideachd eadar a’ Cholaiste agus Lasair’ pròiseact cànain agus coimhearsnachd a tha stèidhichte ann an sgìre Thròndairnis.  Tha am pròiseact seo soirbheachail ann a bhith a’ cruthachadh chothroman gus Gàidhlig a bhruidhinn’˜s a chluinntinn, tro òraidean a th’ air an toirt seachad le buill a’ phròiseict, a tha buannachdail an dà chuid do dh’ oileanaich an
t-Sabhail agus cuideachd do choimhearsnachd ear thuath an eilein.

Chaidh sàr chleachdadh a ruighinn cuideachd ann a bhith a’ toirt seachad taic agus stiùireadh air loidhne do dh’™oileanaich tro Chomataidh Riochdairean nan Oileanach, far a bheil oileanaich air chùrsaichean air astar air an riochdachadh gus an cuid bheachdan’˜s molaidhean a chur air adhart chun na Comataidh.  Tha seo a’ toirt cothrom dhan h-uile duine am beachdan a chur an cèill, ge b’ e càite a bheil iad anns an t-saoghal, agus tha seo gan cuideachadh ann a bhith a’ faireachdainn gu bheil iad mar phàirt dhen Cholaiste. 

Chuir Prionnsapal na Colaiste, An t-Oll Boyd Robasdan, fàilte air beachdan an luchd-sgrùdaidh ag ràdh’Tha an aithisg ag aithneachadh cho fìor mhath is a tha ìre an fhoghlaim a tha a’ Cholaiste a’ liubhart do luchd-ionnsachaidh ge b’ e cà’ bheil iad suidhichte, air an làraich no nan dachaighean fhèin.  Am measg nan nithean a tha an aithisg a’ sònrachadh tha dìoghras agus dealas an luchd-teagaisg, an eòlas agus an comas miannan agus feumalachdan an luchd-ionnsachaidh a riarachadh.  Tha am moladh a tha a’ Cholaiste a’ faighinn bhon luchd-sgrùdaidh na dheagh theist air a’ cheannas acadaimigeach aig Ceannard an Fhoghlaim, Iain Tormod MacLeòid ,agus aig  an Iar-Cheannard, Eairdsidh MacIllEathain.’

Chuir Iain Tormod MacLeòid, ris an seo,’Tha an Aithisg-Sgrùdaidh seo a’ togail air na deagh aithisgean a fhuair Sabhal Mòr Ostaig roimhe seo bho Luchd-Sgrùdaidh na Banrìgh.  Tha sgrùdaidhean le Luchd-Sgrùdaidh na Banrigh air am bonntachadh air ìrean agus tomhaisean nàiseanta agus, tha na toraidhean agus breithneachaidhean mar dhuais chothromach air na h-oidhirpean aig luchd-obrach agus oileanaich gu lèir ann a bhith a’ cumail suas agus a’ leasachadh ìrean deagh-ghnè.  Tha an aithisg ag aithneachadh gu bheil a’ Cholaiste ag obrachadh gu h-èifeachdach le luchd-com-pàirt ann a bhith ag àrdachadh àireamhan luchd-labhairt agus ann a bhith a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig. Tha e na adhbhar sòlais dhuinn gun deach na ceanglaichean làidir a tha againn le coimhearsnachdan Gàidhlig aithneachadh mar shàr-chleachdadh gu nàiseanta.’

Gheibhear an aithisg seo air làrach-lìn HMIe’ www.hmie.gov.uk

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578