
Sàr mholadh do dh’Oileanach na Bliadhna
Chaidh an duais airson Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig a thoirt do dh’Iseabail Flower, a rinn an cùrsa Gàidhlig is Conaltradh – cùrsa na ciad bhliadhna do dh’fhileantaich. Tha Iseabail am measg grunn oileanach a tha air roghnachadh a thighinn gu Sabhal Mòr Ostaig airson cùrsa bliadhna a dhèanamh airson am bogadh anns a’ chànan.
À Dùn Bàrr bho thùs, tha Iseabail na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu is i a’ dèanamh Gàidhlig agus Frangais. Bha ùidh aice riamh ann an cànanan ach cha b’ ann gus a’ bhliadhna mu dheireadh aice ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig a fhuair i an cothrom Gàidhlig a dhèanamh’son a’ chiad uair. Bhon uair sin tha Iseabail air obair ionmholta a dhèanamh, is i a-nis fileanta sa Ghàidhlig is air leth dealasach mun chànan anns a h-uile dòigh.
Thuirt Stiùiriche a’ Chùrsa, an Dr Tim Armstrong: “Bha obair-chùrsa Izzy aig ìre fìor àrd, ach a bharrachd air sin bha i na h-adhbhar brosnachaidh air leth do chàch taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg.’S e an dùbhlan as cudromaiche, agus uaireannan as iomagainiche, ro na h-oileanaich againn gach bliadhna gu bheil sinn an dùil gun cùm a h-uile oileanach, a dh’aindeoin an comasan cànain, ris a’ chùmhnant Ghàidhlig aca air làrach na Colaiste, a’ cumail taic ris an àrainneachd Ghàidhlig againn agus a’ brosnachadh càch a chèile gus a’ Ghàidhlig a bhruidhinn cho tric’s a ghabhas taobh a-muigh a’ chlas. Anns an t-seagh seo bha Izzy sònraichte math. Ghabh i fhèin a h-uile cothrom gus a’ Ghàidhlig a bhruidhinn agus thug i brosnachadh agus taic don a h-uile duine a bha na cuideachd airson na bh’ aca den chànan a chur gu feum fad an t-siubhail.
“Bidh oileanaich againn a h-uile bliadhna a bhios air thoiseach a thaobh foghlaim is ionnsachaidh agus oileanaich eile a bhios dealasach is brosnachail a thaobh a’ chànain air làrach na Colaiste – choilean Izzy an dà dhùbhlan sin.
Thuirt Izzy: “Tha mi air leth toilichte gun d’ fhuair mi an duais Oileanach na Bliadhna. Bha e na tlachd mhòr dhomh an cùrsa Gàidhlig is Conaltradh a dhèanamh agus’s e urram a th’ ann an soirbheachas agam a bhith air an aithneachadh leis an duais seo.”
Lean an Dr Armstrong air: “Tha e na adhbhar brosnachaidh gu bheil oileanaich aig oilthighean eile ag aithneachadh a’ chothroim air leth a tha ri fhaighinn aig Sabhal Mòr Ostaig airson bliadhna bhogaidh sa Ghàidhlig a chur seachad. Tha Izzy na fìor dheagh eisimpleir de nas urrainn do dh’oileanach èasgaidh a dhèanamh ann am bliadhna aig a’ Cholaiste, agus nas urrainn do a leithid a dh’oileanach a dhèanamh airson àrainn àraid mar a th’ againn an seo a neartachadh.”
Tha Izzy cuideachd air duais a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail airson Neach-ionnsachaidh na Bliadhna 2018 a ghlèidheadh agus thèid sin a bhuileachadh oirre aig a’ Mhòd fhèin ann an Dùn Omhain.