Skip to content
SMO Generic Banner Image

Seachdain na Pìoba is na Druma a’ tilleadh don t-Sabhal Mhòr



Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, a’ cur fàilte is furan air a’ phìobaire chliùiteach, Iain MacPhaidein, a bhios a’ teagasg aig a’ Cholaiste eadar 5 is 9 an t-Iuchar 2010.

Bidh Anndra Mac a’ Phearsain à Port Rìgh a’ cumail taic ri Iain fad seachdain na Pìoba is na Druma airson òigridh a tha airson an cuid sgilean a neartachadh.

Tha Iain air còrr is 30 bliadhna a chur seachad ag ionnsachadh na pìoba dha iomadh sgoilear san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse. Buinidh e do theaghlach ainmeil de phìobairean à Bun Easain ann am Muile is thog e fhèin a’ phìob na òige. Bha Iain air fear de na co-fharpaisich a b’ fheàrr a bh’ ann a-riamh agus e air a h-uile duais a tha ri fhaighinn a ghlèidheadh, agus co-fharpais Grant’s/Glenfiddich 4 tursan. Chaidh ainmeachadh na Bhall-Urramach de Institiùd Foghlaim na h-Alba o chionn goirid as leth a chuid saothair aig an ìre as àirde do fhoghlam na h-Alba.

Thuirt Susanne NicDhòmhnaill, Stiùiriche nan Cùrsaichean Goirid ann an Sabhal Mòr Ostaig:’Tha sinn cho toilichte gum bi Iain còmhla rinn a-rithist am bliadhna is gun urrainn dhuinn an cothrom seo a thoirt do dhaoine òga sàr ionnsachadh fhaighinn bho phìobaire cho math’˜s a tha ann.

‘Gheibh a h-uile duine air a’ chùrsa seo an deagh ionnsachadh bhon eòlas is bho na comasan a th’ aig Iain agus Anndra agus tha sinn cinnteach gum bi seachdain mhath de cheòl na pìoba is na druma ann.’

Cuir fios do Susanne NicDhòmhnaill air 01471 888246 airson an tuilleadh fiosrachaidh no airson àite air a’ chùrsa a ghlèidheadh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578