Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sgeama banna-leathainn nach eil ro dhaor a’ toirt an Eadar-lìn gu sgìrean iomallach



Tha dachaighean agus gnothachais  ann an àiteachan iomallach air a’ Ghàidhealtachd agus an Eileanan na h-Alba a’ faighinn buannachd bho chothrom air bann-leathann fìor luath, ri linn iomairt coimhearsnachd.

Le cuideachadh bho eòlaichean, tha coimhearsnachdan air lìonra eadar-lìn fìor luath a thoirt gu ìre airson eileanan Eige, Eilean Ruma, Eilean nam Muc agus Canaidh cho math ri àiteachan iomallach air tìr-mòr na h-Alba. Tha an ceangal leis an t-siostam nas luaithe na anns a’ chuid as motha de bhailtean-mòra.

Tha an teicneòlas a’ cur lìonra fo-cheanglaichean nach eil ro dhaor gu feum a tha a’ ceangal ris an Eadar-lìon aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach a tha na pàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (OGE).

Chaidh an lìonra, a tha a’ toirt buannachdan mòra do dhaoine ann an àiteachan iomallach, a thoirt gu buil mar cho-obrachadh rannsachaidh eadar OGE agus Oilthigh Dhùn Èideann ris an canar Tegola. Le cuideachadh bho chompanaidh ionadail, HebNet, chaidh an t-seirbheis seo a leudachadh gu coimhearsnachdan eile air taobh an iar-thuath na Gàidhealtachd.
Airson na cloich-mhìle seo a chomharrachadh, bidh tachartasan air an cumail san Eilean Sgitheanach an-diugh (Dihaoine). Bheir seo cruinn còmhla coimhearsnachdan dùthchail airson ionnsachadh a bhrosnachadh a tha stèidhichte air eisimpleirean bho ghnìomhachas, ùghdarrasan ionadail, buidhnean coimhearsnachd agus eile a tha air tionnsgnaidh banna-leathainn sa choimhearsnachd a chleachdadh gu soirbheachail.

Air an dùthaich, tha a’ chuid mhòr de dh’Alba às aonais a’ chothruim air an Eadar-lìon aig ìre àird. Do mhòran choimhearsnachdan dùthchail, chan obraich bann-leathann fìor luath seach gu bheil iad ro fhada air falbh bho ionad-iomlaid, agus chaidh dearbhadh gu bheil bann-leathann saideil slaodach agus daor. Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gum faodadh an dòigh acasan a bhith na fhreagairt do iomadh àite iomallach, agus tha grunn choimhearsnachdan a’ sealltainn ùidh ann. Tha an sgeama a’ faighinn taic bho iomairt  Riaghaltas na h-Alba  – Bann-leathann Coimhearsnachd Alba.
Thuirt an t-Ollamh Peter Buneman bho Sgoil an Ioma-eòlais, Oilthigh Dhùn Èideann, a thòisich am pròiseact: “Tha mi air leth toilichte fhaicinn gu bheil an sgeama againn a’ toirt buannachdan an Eadar-lìn gu na coimhearsnachdan iomallach sin agus tha mi an dòchas, le tuilleadh taice, gun gabh an sgeama againn a chur an gnìomh ann am barrachd àiteachan mar sin.”

Thuirt Nicola Sturgeon, Rùnaire a’ Chaibineit airson Bun-structair, Cur an Seilbh agus Bailtean-mòra: “Chaidh ar tionnsgnadh Bann-leathann Coimhearsnachd Alba a chur air bhonn airson coimhearsnachdan a chuideachadh gus freagairtean fhaighinn  a nì leasachadh air ceanglaichean Eadar-lìn ann an cuid der sgìrean dùthchail as iomallaiche.

“Cha bu chòir gum bite a’ coimhead air bann-leathann mar ana-caitheamh ann an àiteachan mar a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan; tha e na nì riatanach airson gnè beatha nan coimhearsnachdan a thogail agus airson spionnadh a thoirt air fàs an eaconamaidh ionadail. Tha cothrom nas fheàrr fhaighinn air bann-leathann na fhìor phrìomhachas do Riaghaltas na h-Alba, agus tha sinn an-dràsta ag adhartachadh phlanaichean airson bun-structar didseatach, cho math ri gin san t-saoghal, a bhios ann ro 2020.”

Thug An t-Oll Boyd Robasdan, Ceannard Sabhal Mòr Ostaig, seachad a bheachd: “Tha mi a’ cur fàilte mhòr air an leudachadh seo air a’ phròiseact Tegola a tha na shàr eisimpleir den dòigh-obrach ùr-ghnàthach agus cho-phàirteach a tha air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig thairis air na bliadhnachan nuair a thig e gu leasachaidhean eaconamach, foghlaim, cultarach agus sòisealta. Tha sinn toilichte aoigheachd a thoirt dhan phròiseact seo a bheir an cothrom do choimhearsnachdan le ach beagan sluaigh bann-leathann a tha fìor luath fhaighinn, agus a chuidicheas an eaconamaidh aca a chumail beò còmhla ri comann sòisealta beothail.”

Thuirt Jem Taylor, Ceannard ro-innleachd agus leasachaidh  airson sgioba IT Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean: “Thòisich sinn air a’ phròiseact seo seach gu bheil e a’ fighe a-steach gu math le misean an oilthigh ’s e sin a bhith a’ toirt ghnothachais agus choimhearsnachdan a bhios seasmhach gu ìre agus tha sinn an dòchas, mar a thèid cùisean air adhart, gun cuidich e sinn gus bann-leathann fìor luath a sholaradh do chuid de na h-ionadan ionnsachaidh as iomallaiche a th’ againn.

“Gu ruige seo tha e air fairtleachadh air solaraichean malairteach an Eadar-lìn dòigh nach eil ro dhaor a lorg gus na roinnean iomallach le beagan dhaoine, agus a tha gu tric beanntach, a ruighinn, rud a tha ciallachadh gu bheil mòran nach eil a’ faighinn cothrom air an ùr-thionndadh dhidseatach. A-nise gu bheil sinn air modail na h-obrach a stèideachadh, tha e comasach dha a bhith feumail do choimhearsnachdan dùthchail eile.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578