Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sgitheanach air a stèidheachadh mar Chathraiche ùr air Cùirt an Fhearainn



Air Dihaoine 17mh den Dàmhair, chaidh an Siorram Ruaraidh Iain MacLeòid QC, a stèidheachadh mar Chathraiche ùr Chùirt an Fhearainn leis an tiotal ùr, Morair Minginis.

Rugadh is thogadh Mgr MacLeòid ann am Port nan Long ann an sgìre Mhinginis,  dhen Eilean Sgitheanach.  B’ ann às na Hearadh a bha a phàrantan bho thùs, ach ghluais iad chun an Eilein Sgitheanaich anns na ficheadan mar phàirt de Sgeama Rèiteachaidh an Fhearainn a bha a’ gabhail àite aig an àm.

An dèidh dha an sgoil fhàgail, thug Ruairidh Iain a-mach ceum ann an lagh aig Oilthigh Dhùn Èideann agus ann an 2000 chaidh a stèidheachadh mar Shiorram mus tug e air an dreuchd mar Iar-Chathraiche air Cùirt an Fhearainn ann an 2006.

A bharrachd air a bhith an sàs anns an lagh, tha Ruaraidh Iain air a bhith an sàs gu mòr ann an Sabhal Mòr Ostaig OGE.  Ann an 2006 gabh e àite air Bòrd an t-Sabhail  agus bliadhna as dèidh sin ghabh e thairis bhon Ollamh Fearchar Mac an Tòisich mar Chathraiche a’ Bhùird.

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, am Proifeasair Boyd Robasdan “Tha sinne aig Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte gun deach an Siorram Ruaraidh Iain MacLeòid ainmeachadh mar Chathraiche ùr Cùirt an Fhearainn agus gun deach inbhe Morair a bhuileachadh air.  Tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air Morair Mhinginis agus a’ guidhe gach soirbheachadh dha na dhreuchd ùir.  Tha am Morair Minginis air a bhith na Chathraiche air Bòrd an t-Sabhail bho 2007 is tha sinn fìor mhothachail air na comasan, sgilean agus feartan a tha aige agus tha sinn cinnteach gum bi iad sin air an cur gu deagh fheum na dhleastanasan mar Chathraiche air a’ Chùirt.”

‘S e Ruairidh Iain MacLeòid a’ chiad Chathraiche le Gàidhlig bhon chaidh a’ Chùirt a stèidheachadh ann an 1912.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578