Sgitheanach ann an dreuchd ùr aig SMO
Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, air an Àrd Ollamh Tormod Dòmhnallach fhastadh mar Eòlaiche Eachdraidh agus Neach Rannsachaidh.
Bidh an dreuchd phàirt-aimsireil a’ gabhail a-steach a bhith a’ lìbhrigeadh grunn òraidean ann am modalan fo-cheumannan agus for-cheumannan an t-Sabhail air cuspairean leithid sloinntearachd, imrich agus eachdraidh cho math ri bhith a’ cur taic agus a’ toirt comhairle do dh’ iomairtean a thaobh obair eadar-nàiseanta na Colaiste a thoirt air adhart, gu sònraichte na ceanglaichean le Canada. Bidh e cuideachd an sàs ann a bhith ag ullachadh chùrsaichean goirid ùra air sgìrean air Ghàidhealtachd, nam measg cùrsa air an Eilean Sgitheanach.
Rugadh agus thogadh an t-Ollamh Tormod Dòmhnallach san Eilean Sgitheanach agus tha e mion eòlach air eachdraidh na Gàidhealtachd. Gu ruige seo, tha e air a bhith ag obair ann an craoladh, ann an rannsachadh, agus ann an oilthighean ann an Alba agus ann an Canada, far an robh e airson còig bliadhna deug na Ollamh aig Oilthigh Cheap Bhreatainn. Tha e an sàs ann an SMO@40 a tha a’ comharrachadh dà fhichead bliadhna bhon a chaidh a’ Cholaiste a stèidheachadh agus b’ e a thug seachad a’ chiad òraid air ‘Toiseach an t-Sabhail agus na Làithean Tràtha’ air a’ chiad La Stèidheachaidh aig toiseach na mìos seo.
Bidh an dreuchd ùr seo, far am bi uairean na h-obrach a-rèir feumalachdan na Colaiste, fo stiùireadh Iain T. MacLeòid, Leas-phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim aig an t-Sabhal Mhòr. Thuirt Mgr. MacLeòi; “Tha sinn air leth toilichte gu bheil an t-Oll Tormod Dòmhnallach gu bhith ag obair còmhla rinn air grunn phròiseactan a bhios a’ togail air na ceanglaichean agus iomairtean againn gu h-ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Tha an t-Oll Dòmhnallach air ùidh mhòr a shealltainn ann an obair na Colaiste bhon chaidh Sabhal Mòr a’ stèidheachadh, agus thèid a chuid sgilean an cur gu deagh fheum ann a bhith a’ leudachadh an tasglainn againn air eachdraidh na Colaiste. Tha eòlas farsaing agus domhainn aige ann an grunn raointean a chuireas ri cliù acadamaigeach na Colaiste.”