Sgoilearan an t-Sabhail Mhòir gu bhith bruidhinn aig Rannsachadh na Gàidhlig
Tha ceathrar sgoilearan bho Sabhal Mòr Ostaig gu bhith toirt seachad òraidean aig a’ cho-labhairt, Rannsachadh na Gàidhlig, ann an Dùn Èideann an ath sheachdain. Tha an t-Ollamh Meg Bateman is am Proifeasair Ùisdean Cheape gu bhith toirt seachad òraidean pleanaraidh. Tha an t-Ollamh Tim Armstrong gu bhith toirt òraid air fèin-aithne is a’ Ghàidhlig agus tha an t-Ollamh Sìleas NicLeòid gu bhith toirt seachad òraid air foghlam Gàidhlig.
Thòisich Rannsachadh na Gàidhlig ann an 2000, agus bithear ga chumail a h-uile dàrna bliadhna. ’S e cothrom a th’ ann rannsachadh a chur air adhart a tha ceangailte ris a’ Ghàidhlig agus cuideachd a tha air a dhèanamh sa Ghàidhlig, agus mar bhuil air sin, thèid tòrr de na h-òraidean a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig. Thèid a’ cho-labhairt a chumail aig Oilthigh Dhùn Èideann eadar 23-26 Ògmhios, agus a thuilleadh air na h-òraidean, bidh taisbeanaidhean, cuairtean is tachartasan eile gan cumail.
Bidh Proifeasair Cheape a’ toirt seachad òraid leis an ainm, ‘A’ suathadh ri iomadh rud. Comas is cothrom faclaireachd a leudachadh tro bhriathrachas a’ chultair dhùthchasaich.’
A’ bruidhinn air an òraid aige, thuirt e: “Rinn saoghal sgoilearachd na Gàidhlig adhartas mòr ionmholta air a’ chànan o chionn iomadh bliadhna. Tha na sgoilearan air sùil a thoirt air a’ chànan mar litreachas, eadar rosg is bàrdachd, air gràmar is cànanachas, le bhith a’ togail eòlas-fogharachd (phonetics) agus a bhith a’ sgrùdadh gu mionaideach a’ chruth-eòlais (morphology). Air an taobh eile rinneadh adhartas le dual-chainntean agus faclairean ach feumar a ràdh gu bheil beàrnan ann fhathast ann an clàr-obrach na Gàidhlig. A rèir na tha anns a’ phàipear seo, tha cothrom againn an-dràsta sùil a thoirt air briathrachas a’ chultair dhùthchasaich – air cànan bailtean na Gàidhealtachd, obair làitheil ginealaichean nan làithean a bh’ ann agus naidheachdan air bilean an t-sluaigh tro na ginealaichean ùra – is ath-thogail a dhèanamh le tuigse agus mìneachaidhean airson faclaireachd na Gàidhlig anns an àm ri teachd.”
Tha an t-Ollamh Bateman gu bhith dèanamh òraid còmhla ris an Ollamh John Purser, fear aig a bheil dlùth-cheangal ri SMO e fhèin, leis an ainm ‘Uinneag dhan Àird an Iar: Leanailteachd Crutha ann an Dùthchas nan Gàidheal’.
Tha an t-Ollamh Bateman is an t-Ollamh Purser air a bhith an sàs bho chionn fhada ann am pròiseact-rannsachaidh eadar Oilthigh Dhùn Dè agus Sabhal Mòr Ostaig don ainm ‘Uinneag dhan Àird an Iar’. ’S ann mar sgrùdadh air ealain na Gàidhealtachd a thòisich am pròiseact, is an sgioba a’ toirt a-steach luchd-eachdraidh agus luchd-ealain prataigeach. Ach tha an obair air Bateman agus Purser a thoirt air falbh bho ealain a-mhàin, gus beachdachadh air dè na structairean smaoineachaidh a tha air dùthchas nan Gàidheal a dhealbhadh tro na linntean. Anns a’ chiad leth den òraid aca, nì an t-Ollamh Purser sgrùdadh mionaideach air pàtranan fighte-fuaighte ann an rannaigheachd, ceòl mòr, agus breacan am measg rudan eile. Anns an dàrna leth, bheir an t-Ollamh Bateman sùil tarsainn air na lorg iad san fharsaingeachd, ann an ealain agus deas-ghnàthan, sa chànan, agus ann an diadhachd Phàganach agus Chrìosdail.
A’ coimhead air adhart ris a’ cho-labhairt, thuirt an t-Ollamh Bateman: “’S e urram a th’ ann ar n-obair a thaobh leanailteachd bheachdan ro-Chrìosdail ann an dùthchas nan Gàidheal a thoirt fa chomhair luchd-rannsachaidh na Gàidhlig an Dùn Èideann.”
Bidh an t-Ollamh Tim Armstrong a’ toirt seachad òraid fon tiotal, ‘“Oh yes, you’re a Gael”: Iomairteachd, fèin-aithne agus a’ Ghàidhlig’ agus bidh an t-Ollamh Sìleas NicLeòid a’ toirt seachad òraid air ‘Cuimseachadh air Cruth ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG): A’ leasachadh chomasan cànain le ceartachadh iomchaidh’.
A’ bruidhinn air an òraid aige, thuirt an t-Ollamh Armstrong: “Tha iomairt na Gàidhlig ann an Dùn Èideann a’ sìor fhàs nas treasa, agus bidh mi a’ toirt sùil air fèin-aithne agus a’ Ghàidhlig anns an t-suidheachadh sin, agus gu sònraichte a thaobh na strì gus sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh sa bhaile eadar 1998-2011.”