
Sgoilearan Gàidhlig a’ faighinn cothrom air oideachadh ann an dràma
Fhuair sgoilearan bun-sgoile agus àrd-sgoile bhon Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse cothrom an t-seachdain sa chaidh piseach a thoirt air na sgilean dràma aca agus na dealbhan-cluiche aca a shealltainn air an àrd-ùrlar.
Chaidh Fèis Dràma a chur air dòigh le Sabhal Mòr Ostaig OGE agus a chumail aig Àros ann am Portrìgh eadar 4-7 Mhàrt do sgoilearan le Gàidhlig. Bha a’ mhòr chuid de bhun-sgoiltean a tha tabhann foghlam tron Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach ann airson ionnsachadh mu dràma agus na tàlantan aca a thaisbeanadh. Bha còrr is seasgad duine-chloinne ann bho chlas 6 agus 7, agus iad a’ tighinn bho: Bun-sgoil Shlèite, Bun-sgoil an Àth Leathainn, Bun-sgoil Dhùn Bheagain agus Bun-sgoil Phort Rìgh. Fhuair iad an cothrom an sgeulachdan fhèin a chruthachadh agus chaidh an uairsin dealbhan èibhinn a dhèanamh a-mach asta.
Ag obair leis a’ chloinn bha an luchd-dràma Artair Donald, Dàibhidh Walker, Debbie NicAoidh agus Aonghas MacLeòid bho Fhèisean nan Gàidheal. Bha Alannah Pheutan, a tha na h-oileanach an-dràsta le ùidh mhòr ann an dràma, ann cuideachd is fhuair i fhèin cothrom a bhith an lùib na bùithtean-obrach. Agus bha Dave Mac a’ Ghobhainn a’ cruthachadh na dealbhan èibhinn.
Cuideachd thàinig 40 sgoilear bho Àrd-sgoil Phort Rìgh còmhla Diardaoin is Dihaoine airson oideachadh agus cothrom an obair aca fhèin a dhealbh agus an uair sin a shealltainn air an àrd-ùrlar.
Thuirt Artair Donald, an Neach-dràma air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig: “B’ e seo an dàrna bliadhna a chùm sinn an fhèis dràma airson bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean anns an Eilean Sgitheanach agus tha mi toilichte gun do shoirbhich leinn a-rithist. Tha sinn airson an fhèis a leasachadh am bliadhna le bhith a’ dol a-mach gu na sgoiltean airson bùithtean-obrach a dhèanamh leotha is gum faigh sgoiltean an cothrom tighinn còmhla. Cuideachd, a-rèir an t-iarrtas mòr a bha ann, thèid dà latha eile a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig nas fhaide air adhart sa bhliadhna.”
Thuirt Rosie Harrison bhon Ionad Àros: “Bha sinn air leth toilichte fàilte a chur air an Fhèis Dràma, is sinn fhìn gu mòr airson a bhith an lùib a’ choimhearsnachd cuideachd. Bhrosnaich Artair Donald mòran de na sgoiltean tighinn ann agus bha e follaiseach gun do chòrd an gnothach riutha is a bhith a’ leasachadh na sgilean aca.”
Fhuair an Fhèis Dràma taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig tron Sgeama Lìonraidh Dràma Gàidhlig.