Skip to content
SMO Generic Banner Image

Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain a’ toirt sùil air beatha is bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain



Chaidh a’ chòigeamh Òraid Chuimhneachaidh air Sir Iain Noble a thoirt seachad le Iain MacDhòmhnaill aig Sabhal Mòr Ostaig Diciadain sa chaidh (9 Samhain), agus b’ e cuspair na h-òraide aige “Somhairle MacGill-Eain: Beatha is Bàrdachd”.

Chaidh an Òraid a stèidheachadh o chionn còig bliadhna le Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras an Eilein, dà bhuidhinn ris an robh dlùth-cheangal aig Sir Iain fad iomadh bliadhna, mar chuimhneachan air an obair mhòr a rinn Sir Iain don Cholaiste, don sgìre agus don Ghàidhlig.

B’ ann air sgàth lèirsinn agus oidhirpean Shir Iain a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air bhonn ann an 1973 – agus an Sabhal an-diugh a’ tabhann ghrunn chùrsaichean aig ìre fo-cheum is for-cheum tro mheadhan a’ chànain. Choisinn Sir Iain cliù dha fhèin na bheatha mar bhancair, neach-gnothaich agus neach-gnìomhachais, ach air a’ Ghàidhealtachd ’s cinnteach gu bheil e nas aithnichte airson na h-obrach a rinn e a thaobh na Gàidhlig agus a cheangal leis a’ Cholaiste.

Mar sin bha e air leth iomchaidh gum b’ e cuspair òraid chuimhneachaidh na bliadhna sa beatha is saothair Shomhairle MhicGill-Eain, fear a chuir bàrdachd Ghàidhlig agus gu dearbh a’ Ghàidhlig fhèin fo chomhair an t-saoghail mhòir, agus fear aig an robh dlùth-cheangal e fhèin ris a’ Cholaiste tràth na h-eachdraidh. Bha Somhairle air aon de na ciad Urrasairean a bh’ air Bòrd an t-Sabhail agus b’ e an dàrna Filidh a bh’ aig a’ Cholaiste ann an 1975.

’S ann à Griomasaigh a tha Iain MacDhòmhnaill, agus tha e air a bhith an sàs ann an saoghal litreachas na Gàidhlig fad iomadach bliadhna, mar neach-deasachaidh agus mar Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean, a’ phrìomh bhuidheann-taice do litreachas na Gàidhlig. Leig e dheth a dhreuchd aig a’ Chomhairle o chionn sia bliadhna, ach tha e fhathast ag obair a’ cuideachadh ùghdaran agus a’ deasachadh leabhraichean. Bha e gu mòr an sàs anns an iomairt aig Ùghdarras Theisteanas na h-Alba air Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig agus tha e na bhall den Bhuidhinn-Stiùiridh Corpais a stèidhich Bòrd na Gàidhlig o chionn ghoirid. Bha e na cho-dheasaiche le Boyd Robasdan air an Essential Gaelic Dictionary, a chaidh fhoillseachadh le Hodder.

Thuirt Iain MacDhòmhnaill: “Bha e na urram mòr dhòmhsa Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble a thoirt seachad, agus bha an cuspair a thugadh dhomh glè fhreagarrach, is ceangal cho làidir aig Somhairle MacGill-Eain fhèin ris an t-Sabhal.”

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Chan eil mòran dhaoine aig a bheil an doimhneachd eòlais agus an fharsaingeachd seallaidh a th’ aig Iain MacDhòmhnaill air litreachas na Gàidhlig. A thuilleadh air a bhith na eòlaiche cànain is na neach-deasachaidh barraichte, ’s e fìor sgoilear a th’ ann agus bha sin follaiseach san òraid a thug e seachad mu bheatha is mu bhàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain oidhche Chiadain.  Bha an òraid fiosraichte, breithneachail is lèirsinneach agus airidh air a cur an clò.”

A bharrachd air an òraid, chaidh duais shònraichte a thoirt seachad air an oidhche airson a’ chiad uair le Urras an Eilein airson “Neach Òg na Bliadhna”. Tha an duais ga buileachadh air neach òg às an Eilean Sgitheanach a tha air daoine a bhrosnachadh gu bhith cleachdadh na Gàidhlig agus a tha air inbhe a’ chànain a thogail tro an cuid saothrach is dìchill.

’S i Eilidh NicFhraing à Cille mo Luaig san Eilean Sgitheanach a thog duais na bliadhna-sa. Chaidh Eilidh gu Bun-sgoil Chille Mhoire agus an uair sin gu Àrd-sgoil Phort Rìgh, far an robh e na chleachdadh dhi a bhith togail dhuaisean aig Mòdan ionadail is nàiseanta, gu h-àraidh airson bàrdachd, sgeulachdan, còmhradh agus leughadh.

Bhon uair sin tha Eilidh air a beòshlaint a dhèanamh ann an dreuchdan Gàidhlig. Chuir i seachad beagan bhliadhnaichean ag obair aig an ionad cùraim-chloinne Ghàidhlig, Fàs Mòr, mus do thòisich i san dreuchd anns a bheil i an-diugh agus i na h-Oifigear Pròiseict airson na farpais chliùitich, FilmG, a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig.

Thuirt Murchadh Peutan, Rianadair Urras an Eilein, “Tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air Eilidh, a bha air leth airidh air an duais. Tha Urras an Eilein a’ sùileachadh gum bi an duais seo air a toirt seachad gach bliadhna aig Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble, agus tha sinn an dòchas gum bi deagh thaghadh de thagraichean againn an ath-bhliadhna cuideachd.”

Às dèidh dhi an duais a thogail air an oidhche, thuirt Eilidh NicFhraing, “Tha e àibheiseach a bhith faicinn gu bheil Urras an Eilein airson taic a chumail ri daoine òga aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig agus ’s e urram mòr a th’ ann gun deach mo chur air adhart airson a leithid de dhuais.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578