Skip to content
SMO Generic Banner Image

SMO a’ togail bratach ceòl is cultar na Gàidhlig ann an Glaschu



Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE gu bhith cumail tachartas sònraichte nas fhaide air a’ mhìos seo ann an Glaschu ann an co-bhuinn ri Ceòl ’s Craic. Thèid Ceòl Mòr Ostaig a chumail Disathairne 27 Giblean ann an Ionad nan Nuadh Ealain (CCA) far am bi am pìobaire ainmeil Ailean Dòmhnallach, a’ bhana-sheinneadair chliùiteach Christine Primrose agus oileanaich chiùil na colaiste uile a’ nochdadh air an àrd-ùrlar aig cuirm-chiùil shònraichte. Bidh Artair Donald agus Catrìona Lexy Chaimbeul cuideachd an làthair air an oidhche le beagan dràma.

Tha an latha gu bhith mar phàirt den bhliadhna far a bheil Sabhal Mòr Ostaig a’ comharrachadh 40 bliadhna bhon a chaidh a’ cholaiste Ghàidhlig a stèidheachadh. A thuilleadh air a’ cheòl, thèid sreath de bhùithtean-obrach a chumail tron latha airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus ann an seinn Ghàidhlig. Nì muinntir na colaiste taisbeanadh air obair SMO.

Cuideachd, air 23 Giblean thèid dà fhilm Ghàidhlig aig a bheil ceangal ris an Eilean Sgitheanach agus Sabhal Mòr Ostaig a shealltainn, ‘Foighidinn’ agus ‘Iain Uasal’. Tha ‘Foighidinn’ air duaisean a chosnadh, agus tha e stèidhichte san Eilean Sgitheanach. ’S ann mu dheidhinn Sir Iain Noble nach maireann a tha am prògram ‘Iain Uasal’, fear a bha aig cridhe na h-iomairt gus Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh. Thèid na filmichean a shealltainn bho 6f sa CCA, agus tha iad an asgaidh.

Seo an dàrna bliadhna de Cheòl Mòr Ostaig agus a rèir Decker Forrest, an Stiùiriche Cùrsa airson am BA (le urram) ann an Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta aig SMO: “Tha oileanaich a’ BA a’ coimhead air adhart gu mòr ri Ceòl Mòr Ostaig. Chaidh iad air chuairt sa Mhàrt mar phàirt de SMO@40 agus thadhail iad air naoi diofar àiteachan air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus thog iad còrr is £1,000 airson buidhnean-carthannais ionadail. A-nise tha daoine ann an Glaschu a’ dol a dh’fhaighinn cothrom èisteachd ris an ath ghinealach de luchd-ciùil proifeiseanta Gàidhlig, agus iad a’ cluich còmhla ri dithis dhen luchd-chiùil Ghàidhlig as fheàrr a th’ againn.”

Bidh Sabhal Mòr ag obair còmhla ri Ceòl ’s Craic a-rithist gus an tachartas a chur air dòigh. Chaidh Ceòl ’s Craic a stèidheachadh ann an 2004 mar mheadhan gus cultar Gàidhlig an latha an-diugh a chur air adhart agus a bhrosnachadh ann am Baile Ghlaschu.

Thuirt Alison NicAnnain, Co-òrdanaiche Cheòl ’s Craic: “Tha Ceòl ’s Craic air leth toilichte fàilte chridheil a chur air sàr sgioba de luchd-ciùil agus cleasaichean ealanta bhon t-Sabhal, air bliadhna a tha cho sònraichte ann an eachdraidh na colaiste. Tha sinn uile a’ dèanamh fiughair ri latha làn de cheòl is craic aig a’ chuirm.”

Tha Ailean Dòmhnallach air cliù a chosnadh dha fhèin mar aon de na pìobairean as fheàrr ann an Alba. Tha e air cluich aig iomadach fèis, cuirm agus farpais air feadh an t-saoghail thar nam bliadhnaichean agus na cheòl tha e air na freumhan Gàidhlig aig ‘ceòl mòr’ a thoirt am follais a-rithist.

Tha a’ bhan-Leòdhasach Christine Primrose aithnichte mar thè de na seinneadairean dualchasach Gàidhlig as fheàrr a th’ againn. Tha i air iomadach duais a ghleidheadh airson seinn thar nam bliadhnaichean: aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, aig an Fhèis Phan Cheilteach agus aig Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba. Bidh i a’ teagasg seinn Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig.

Bidh oileanaich chiùil ann bhom BA (le urram) ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta cuideachd a’ nochdadh air an àrd-ùrlar air an oidhche. Airson tuilleadh fiosrachaidh no fios mu thiogaidean cuiribh fios gu Alison NicAnnain aig info@ceolscraic.org

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578