Skip to content
SMO Generic Banner Image

Blasad na Gàidhlig le Sabhal Mòr Ostaig aig Celtic Connections



Tha an t-àm sin den bhliadhna air fàire agus saoghal a’ chiùil a’ dèanamh air Glaschu airson fèis Celtic Connections – trì seachdainean de cheòl beò le luchd-ciùil Albannach de gach stoidhle eadar ceòl traidiseanta, Ceilteach, roc, dùthcha is jazz, cho math ri ceòladairean eadar-nàiseanta às a h-uile ceàrnaidh den t-saoghal! Bidh stàl againn a-rithist ann an Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu gach deireadh-seachdain tron fhèis is sinn a’ sanasachadh cùrsaichean Gàidhlig is ceòl traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig. Co-dhiù is e seann oileanach an t-Sabhail a th’ annad no neach aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig, nach tig thu ann a chanail’halò’ rinn! Bidh cothrom agad air an fharpais againn cuideachd airson àite a bhuannachadh air aon de na cùrsaichean ùra deireadh-seachdain aig an t-Sabhal Mhòr còmhla ri cuid de na h-oidean Gàidhlig, ciùil, òran is dannsa as fheàrr a th’ ann!

Bidh clas blasad Gàidhlig is cearcall còmhraidh AN ASGAIDH ann cuide ri Joy Dunlop mar phàirt de phrògram bhùithtean-obrach Celtic Connections.

 

Blasad na Gàidhlig le Sabhal Mòr Ostaig

Didòmhnaich 20 Faoilleach 2019 , 9.30m – 11m

Ionad Ciùil na h-Alba/Scottish Music Centre

Fàilte! Tha a’ bhùth-obrach seo a’ cur fàilte air luchd-tòiseachaidh airson eòlas a chur air faclan is abairtean bunaiteach as urrainn dhut cleachdadh sa bheatha làitheil. Tha a’ bhùth-obrach ga lìbhrigeadh le Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach, a tha a’ tairgsinn cheuman aig ìrean fo-cheum is for-cheum tro mheadhan na Gàidhlig cho math ri cùrsaichean goirid 5 latha agus cothroman ionnsachaidh air astar.

Tha a’ bhùth-obrach an asgaidh agus chan fheum thu ticead fhaighinn. Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo.

 

 

Còmhradh sa Ghàidhlig le Sabhal Mòr Ostaig

Didòmhnaich 20 Faoilleach 2019, 11.30m – 1.00f

Ionad Ciùil na h-Alba/Scottish Music Centre

A bheil Gàidhlig agad? Tha a’ bhùth-obrach seo, a th’ air a lìbhrigeadh le Sabhal Mòr Ostaig, a’ cur fàilte air luchd-ionnsachaidh aig a bheil sgilean còmhraidh bunaiteach agus a tha a’ sireadh luchd-labhairt Gàidhlig eile airson an cànan a bhruidhinn agus beagan fhaclan no abairtean ùra ionnsachadh ann an cuideachd thaiceil.

Tha a’ bhùth-obrach an asgaidh agus chan fheum thu ticead fhaighinn. Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578