Oileanaich an t-Sabhail a’ gabhail pàirt ann am FilmG uair eile
Tha FilmG, co-fharpais nàiseanta nam filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, air 79 filmichean fhaighinn am bliadhna, 51 ann an roinn na h-òigridh agus 28 ann an roinn nan inbheach. Tha a h-uile film ri fhaicinn air-loidhne an-diugh (Diciadain 28 Faoilleach) agus faodaidh tu bhòtadh airson an fhilm as fheàrr leat gu 20 Màrt, an t-seachdain ron chuirm mhòr ann an Glaschu.
Bha fèill mhòr air FilmG a-rithist am measg oileanach air feadh na dùthcha. Fhuaireadh còig filmichean le oileanaich a’ chùrsa telebhisein; ‘Crìsdean Cunnartach’, atharrais èibhinn air ‘The Ridge’ le Danny MacAsgaill, film ait romansach air a bheil ‘Gealladh gun Choileanadh’, agus bhideo ciùil stèidhichte air an òran aithnichte, ‘Fear a’ Bhàta’.
Thuirt Flòraidh Forrest bho Chànan, Manaidsear Pròiseict FilmG: “Tha e na thlachd mòr gu bheil filmichean Gàidhlig na bliadhna ri fhaicinn air-loidhne a-nis. Chaidh mòran oidhirp a dhèanamh a’ dealbhadh nan sgeulachdan, gam filmeadh agus gan deasachadh, agus bha spòrs againn fhìn gan coimhead. Tha sinn cinnteach gu bheil sinn air rionnagan ùra nam bliadhnaichean ri teachd fhaicinn a’ deàlradh sna filmichean seo!”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, a tha a’ stiùireadh a’ phròiseict às leth MG ALBA, mu cho-fharpais na bliadhna, “‘S ann a tha FilmG a’ sìor-dhol am feabhas a h-uile bliadhna agus tha e uabhasach math an uiread seo a dh’ fhilmichean fhaicinn san t-seachdamh bliadhna den cho-fharpais. Bidh am pròiseact a’ toirt misneachd dha daoine òga gu h-àraid le sgilean cànain is na meadhanan, ach tha e na mheadhan cuideachd air iomadh beachd inntinneach is cruthachail a thoirt am follais.”
Chithear a h-uile film air-loidhne aig www.filmg.co.uk bho Dhiciadain 28 Faoilleach. Nì na britheamhan taghadh nan geàrr-liostaichean am meadhan a’ Ghearrain agus thèid an luchd buannachaidh fhoillseachadh aig cuirm spaideil nan duaisean aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu, Dihaoine 27 Màrt.