Rionnagan aig duaisean Nàiseanta nam Filmichean Gàidhlig 2017
Nochd rionnagan film na h-Alba ann an Glaschu a-nochd (Dihaoine 1 Gearran) airson duaisean a thoirt seachad aig naoidheamh cuirm nàiseanta nam filmichean goirid Gàidhlig.
Tha FilmG, a’ cho-fharpais chliùiteach airson tàlant film Gàidhlig aig MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig), air an àireamh as àirde a-riamh de dh’fhilmichean fhaighinn am bliadhna agus chaidh a’ chuirm a shruthadh beò air feadh an t-saoghail air an eadar-lìon.
Chaidh a’ chuirm a chumail aig The Old Fruitmarket, Glaschu agus b’ iad Fiona NicCoinnich à BBC ALBA agus am preasantair rèidio is telebhisein, Niall Iain Dòmhnallach, bean agus fear an taighe. Bha ceòl beò ann air an oidhche leis a’ chòmhlan, INYAL, agus iad dìreach an dèidh cuirmean a chluich aig Celtic Connections agus The Highland Annual.
Am measg nan aoighean a bha a’ toirt dhuaisean seachad bha an cleasaiche ainmeil Albannach, Gary Lewis, a tha ri fhaicinn anns an dràma eucoireach an-dràsta, The Level, agus a tha air nochdadh ann an Gangs of New York, Billy Elliot agus Outlander. Bha an cleasaiche òg à Dùn Èideann, Lewis MacDhùghaill, a tha 14 bliadhna a dh’aois agus a tha ri fhaicinn san fhilm ùr, A Monster Calls, còmhla ri Gary air an àrd-ùrlar.
Bha an cleasaiche, Kevin Guthrie, a tha air a bhith sna filmichean Sunshine on Leith, Sunset Song agus The Legend of Barney Thomson, an làthair cuideachd cuide ri neach-aithris na sìde air a’ BhBC, Kirsteen NicDhòmhnaill, a bha a’ toirt seachad dhuaisean air an oidhche.
Bha Iar-phrìomh-mhinistear na h-Alba agus Rùnaire Caibineit airson Foghlaim is Sgilean, John Swinney, aig a bheil dleastanas ministreil airson na Gàidhlig, an làthair agus thug e seachad an duais airson Film As Fheàrr ann an roinn na h-òigridh.
Bha an cleasaiche Leòdhasach, Dolina NicIllinnein, a tha air a bhith ann am filmichean a leithid The Queen, Seachd: The Inaccessible Pinnacle agus Barney Thomson, an làthair cuideachd airson cuid de na duaisean a bhuileachadh, cho math ris a’ chleasaiche, Màiri NicIllinnein, a tha ri fhaicinn air BBC ALBA san dràma, Bannan.
Thuirt an cleasaiche, Gary Lewis: “Tha e na thoileachas mòr dhomh a bhith a’ tilleadh do dhuaisean FilmG agus na urram dhomh a bhith ann an cuideachd nan daoine òga tàlantach seo. Tha e riatanach gum brosnaich sinn filmeadairean òga is ùra agus tha deagh chothrom an lùib iomairtean a leithid FilmG, a leigeas le daoine òga a bhith cruthachail air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara agus misneachd fhaighinn a leigeas leotha cumail orra ann an dreuchd ann an roinn chruthachail na h-Alba.”
B’ e’Strì’ cuspair na bliadhna agus thug sin air filmeadairean ùra, sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd às a h-uile ceàrnaidh den dùthaich an t-uabhas fhilmichean spòrsail is tarraingeach a dhèanamh. Chaidh 105 filmichean uile gu lèir a chur a-steach don cho-fharpais.
Tha ìre nam filmichean am bliadhna air a bhith glè àrd agus dh’fhàg sin dùbhlan nach beag aig na britheamhan a dh’fheumadh co-dhùnadh a dhèanamh anns gach roinn.
‘S e am film air leth ann an roinn na h-òigridh Faigh WiFi, a rinn clann bhon Sgoil Shamhraidh Dràma, a ghlèidh an duais Film As Fheàrr. Tha am film a’ leantainn buidheann de dh’oileanaich aig an sgoil shamhraidh is iad air tòir seirbheis Wi-Fi.
Bhuannaich Kate Bradley às Àrd-sgoil Àird nam Murchan aon de na prìomh duaisean cuideachd, an duais ùr ann an roinn na h-òigridh airson aithris spòrs, is i ag aithris aig cuairt dheireannach Cuach Valerie Fhriseil.’S e Gemma Fay, an glèidheadair ann an sgioba ball-coise na h-Alba agus a bha na cleasaiche san dràma air Sky Living, Rubenesque, a thug an duais do Kate.
Choisinn Uilleam MacDhùghaill à Barraigh an duais airson Cleasachd As Fheàrr anns an fhilm Eilean an Dòchais, dràma a tha a’ dèiligeadh le strì an fhearainn ann am Miùghalaigh ann an 1907. B’ e an cleasaiche òg, Lewis MacDhùghaill, a thug an duais seachad do dh’Uilleam.
Thuirt Iar-phrìomh-mhinistear na h-Alba agus Rùnaire Caibineit airson Foghlaim is Sgilean, John Swinney: “Tha e soilleir gu bheil soirbheas air leth an cois FilmG an dèidh naoi bliadhna. Bidh FilmG a’ tàladh an dà chuid, Gàidheil agus daoine aig nach eil Gàidhlig às a h-uile ceàrnaidh de dh’Alba, agus tha cothroman na lùib don òigridh againn a leigeas leotha an cuid sgilean is tàlantan a neartachadh. Tha mi fhèin uabhasach toilichte airson a h-uile duine a ghlèidh duais agus tha mi cuideachd uasal à Riaghaltas na h-Alba a tha ag obair cuide ri MG ALBA is sinn a’ cumail taic ris na duaisean seo.”
Ghlèidh Kirsty Scott agus Clas 7 aig Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis na duaisean Dràma is Coimhearsnachd airson an fhilm Latha Spòrs, stèidhichte air an latha as fharpaisiche den bhliadhna – Latha Spòrs Clas a 7.
Bidh a’ cho-fharpais a’ sireadh fhilmichean air fònaichean-làimhe, agus tha seo a’ sònrachadh cho cudromach’s a tha susbaint dhidseatach as urrainnear a dhealbhadh gun uidheam cosgail proifeiseanta, agus tha seo gu h-àraid freagarrach airson a thaisbeanadh air-loidhne. B’ e Eòghan Stiùbhart às Inbhir Nis a ghlèidh Film Fòn-làimhe As Fheàrr airson FilmG no Die Trying, anns a bheil fear a’ feuchainn ri adhbhar brosnachaidh a lorg.
B’ i Alannah Pheutan às an Eilean Sgitheanach a ghlèidh an duais Comadaidh As Fheàrr airson Gàidheal Gu Luath anns a bheil i a’ feuchainn ri an Gàidheal as coileanta a chruthachadh. Choisinn Alannah duais Roghainn an t-Sluaigh cuideachd.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA: “Tha FilmG am bliadhna air a bhith nas motha agus nas fheàrr na bliadhna sam bith eile roimhe agus dhrùidh na filmichean anns a h-uile roinn oirnn gu mòr am bliadhna. Bu mhath leinn co-ghàirdeachas a chur air an fheadhainn a ghlèidh duais ach cuideachd air a h-uile duine a tha air oidhirp agus ùine nach beag a chosg air na filmichean aca.
“Tha a’ cho-fharpais air a dhol am meud gu mòr bhon a thòisich sinn o chionn naoi bliadhna – agus tha e na thoileachas mòr dhuinn gu bheil uiread a cho-obrachadh ann anns na meadhanan didseatach sa Ghàidhlig. Tha an roinn ùr – aithrisean spòrs – air a bhith na buannachd am bliadhna, a leig leis an fheadhainn air cùl a’ chamara a thighinn an sàs anns a’ cho-fharpais cuideachd.
“Tha sinn fìor thoilichte gu bheil a’ cho-fharpais a’ brosnachadh luchd-film, cleasaichean is sgrìobhadairean Gàidhlig ùr is òg gus pàirt a ghabhail innte. Tha e a’ toirt tlachd dhuinn cuideachd gu bheil barrachd is barrachd dhaoine òga ag ùisneachadh an cuid Gàidhlig airson na sgeulachdan aca innse tro na meadhanan didseatach.’S e àm fìor inntinneach a tha seo agus tha e iomchaidh gun cluinn sinn is gum faic sinn barrachd guthan Gàidhlig – tha sinn an dòchas gum faic sinn barrachd den a seo anns na bliadhnaichean ri teachd.”
Tha luchd-buannachaidh 2017 gu lèir rim faicinn gu h-ìosal, agus chithear gach film a chaidh a chur a-steach don cho-fharpais am bliadhna aig www.filmg.co.uk.
Na Bhuannaich Duaisean FilmG 2017
Duais FilmG: Fileantaich |
Strì na Dìleab – Àrd-sgoil MhicNeacail |
Beò-dhealbh As Fheàrr |
Falach Fead – Ruairidh MacAlasdair |
Duais FilmG: Luchd-ionnsachaidh |
Air Splaoid – Ìle Bheò |
Film Fòn-làimhe As Fheàrr |
Strì Ris a’ Chiad Chloich – Eòin Cuimeanach |
Filmeadair Òg As Fheàrr |
Catherine NicDhòmhnaill – Coimhearsnachd |
Sgriobt As Fheàrr |
Briste – Amy Gudgeon agus Cameron MacIllFhinnein |
Cleasachd As Fheàrr |
Eilean an Dòchais – Uilleam MacDhùghaill |
Aithris Spòrs As Fheàrr |
Kate Bradley – Cuairt Dheireannach Valerie Fraser |
Film As Fheàrr |
Faigh WiFi – An Sgoil Shamhraidh Dhràma |
Roghainn an t-Sluaigh |
Gàidheal Gu Luath – Alannah Pheutan |
Film Aithriseach As Fheàrr |
Taobh Eile Duilghe – Kerr Gibb |
Duais Coimhearsnachd |
Latha Spòrs – Kirsty Scott agus BSGI |
Dealbh-beò As Fheàrr |
Eich Bhàna – Alison Nic a’ Phearsain |
Film Fòn-làimhe As Fheàrr |
FilmG no Die Trying – Eòghan Stiùbhart |
Cleasachd As Fheàrr |
Hannadh McKirdy – Cheating Our Language |
Sgriobt As Fheàrr |
Às dèidh a’ Bhàthaidh – Iain Cuimeanach |
Comadaidh As Fheàrr |
Gàidheal Gu Luath – Alannah Pheutan |
Dràma As Fheàrr |
Latha Spòrs – Kirsty Scott agus Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis |