Stiùidio Ostaig a’ cur ceòl aig cridhe na colaiste agus na coimhearsnachd
Chaidh Stiùidio Ostaig, an goireas clàraidh is ciùil ùr, fhosgladh an-dè (29.3.12) agus e a’ stèidheachadh goireas ciùil cho math ri gin ann an Alba sa cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, agus ann an coimhearsnachd Shlèite.
Tha an stiùidio clàraidh ùr’ a chosg £80,000 agus a fhuair taic bho Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa’ na ghoireas air leth a bheir cothrom do luchd-ciùil proifeiseanta clàradh ann an àrainneachd làn-uidheamaichte is iomchaidh, agus bidh e cuideachd na àite trèanaidh airson oileanaich na colaiste a tha a’ dèanamh ceum ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta.
Gu h-eu-coltach ris a’ mhòr-chuid de stiùidiothan, tha an stiùidio aig cridhe colaiste anns a bheil farsaingeachd de ghoireasan feumail. Mar sin, ma tha àite a dhìth gus ceòl a chluich no a dhol thairis air pìosan ciùil, tha seòmraichean is tallaichean freagarrach aig a’ cholaiste, agus tha goireasan-bìdh agus àiteachan-fuirich am pailteas ann cuideachd. Agus tha an seòmar’beò’ san stiùidio air aon den fheadhainn as motha ann an Alba.
Bha am Ball Pàrlamaid airson an t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach, Dàibhidh MacThòmais an làthair gus an stiùidio fhosgladh:’Tha na thoileachas mòr dhomh gun deach iarraidh orm Stiùidio Ostaig fhosgladh aig Sabhal Mòr Ostaig.’S iomadh turas a thadhail mi air a’ cholaiste thar nam bliadhnaichean, an dà chuid mar neach-poilitigs agus mar oileanach air aon na cùrsaichean goirid Gàidhlig, a chòrd rium gu mòr.’S e goireas air leth a th’ anns an Stiùidio seo don cholaiste, do Shlèite, don Eilean Sgitheanach agus do dh’Alba, agus tha e math fhaicinn gu bheil Sabhal Mòr a’ cumail air ga leudachadh agus ga leasachadh. Tha mo làn-thaic air cùl na colaiste agus leasachaidhean ùra mar an stiùidio seo, agus tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ cur an làn-thaic rithe.’
Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith tabhann chùrsaichean goirid ann an ceòl fad iomadh bliadhna, agus’s iomadh cuirm is cèilidh a chaidh a chumail ann an tallaichean na colaiste bhon a chaidh a stèidheachadh ann an 1973. Ach gu 2006, cha robh cùrsa làn-ùine ann an ceòl ga theagasg aig a’ cholaiste. B’ ann an uair sin a thòisich an Ceum ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, agus chaidh sin a leudachadh gu bhith na cheum le urram ann an 2010.
Thuirt Dr Decker Forrest, Stiùiriche a’ Phrògraim Chiùil aig SMO:’Nuair a thòisich an ceum ann an ceòl aig Sabhal Mòr Ostaig bha e a’ togail air na ceanglaichean làidir a tha air a bhith aig a’ cholaiste o chionn bhliadhnaichean le luchd-ciùil agus ceòl. Sa phrògram de chùrsaichean ciùil againn tha cuid den luchd-chiùil, seinneadairean agus sgoilearan ciùil as fheàrr a th’ ann againn a’ teagasg, leithid Christine Primrose. Dr Iain Purser. An t-Ollamh Ùisdean Cheape, Ailean MacEanraig, Ingrid NicEanraig agus Fergie Dòmhnallach. Nì goireas air leth mar Stiùidio Ostaig cinnteach gum faigh na h-oileanaich trèanadh fìor mhath a bheir cothrom dhaibh a dhol an sàs ann an caochladh dhreuchdan ann an gnìomhachas a’ chiùil.’
Thathar an dùil gum bi luchd-ciùil is innleadairean-fuaime ionadail a’ faighinn chothroman cosnaidh bho chuid de na pròiseactan clàraidh a thèid a chumail san stiùidio agus gun tarraing e luchd-ciùil bho air feadh an dùthcha agus bho thall-thairis. Cuideachd, bheir e an comas do dh’oileanaich agus do mhuinntir na coimhearsnachd ceòl is eile a chlàradh ann an àrainneachd phroifeiseanta le taic iomchaidh. Gus am fosgladh a chomharrachadh, chaidh CD ùr a chlàradh san stiùidio fo stiùir Manaidsear an Stiùidio, Ailean MacEanraig, agus oileanaich agus luchd-ciùil aig a bheil ceangal ris a’ cholaiste agus na cùrsaichean-ciùil a’ nochdadh air.
Thuirt Mgr MacEanraig:”S e sàr ghoireas a th’ anns an stiùidio ùr, agus tha mi an dòchas gum bi muinntir Shlèite agus a’ choimhearsnachd air fad a’ faighinn buannachd às. Cuideachd, tha sinn gu math cinnteach gum bi an teicneòlas a th’ againn cho math ri rud sam bith a gheibh thu sna bailtean mòra, neo àite sam bith eile. Chan fhaigheadh tu nas motha na’live room’ a th’ againn ann an àite sam bith ann an Alba, agus mar sin, tha sinne den bharail gum bi an stiùidio seo gu math freagarrach son còisirean, còmhlanan pìoba agus pròiseactan den t-seòrsa sin. Ach, bidh sinn gu math toilichte pròiseact sam bith a ghabhail. Chan eil e gu diofar dè cho mòr no cho beag agus a tha pròiseact clàraidh, faodaidh iad Stiùidio Ostaig a chleachdadh.’