Stiùiriche Leasachadh Buidhne agus Gnothachais aig an t-Sabhal Mhòr
Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, air Stiùiriche Leasachadh Buidhne agus Gnothachais fhastadh a tha na h-eòlaiche air obair leasachaidh agus gnìomhachais.
Tha ceanglaichean air a bhith aig Shona NicIllinnein, a tha a-nis air tòiseachadh san dreuchd, ris an t-Sabhal airson iomadh bliadhna agus ann an diofar dhòighean. Bha i an sàs ann a bhith a’ cur Ionad Chaluim Chille Ìle air chois, tha i air obair rannsachaidh agus measaidh a dhèanamh mun Cholaiste agus mu Thobar an Dualchais, bha i na h-Oifigear Pròiseict an lùib a bhith a’ cur iomairt Bail’ Ùr Ostaig air bhog agus, bho chionn ghoirid, bha i na Stiùiriche Eadar-amail air a’ phròiseact CeangalG agus na ball de Chomataidh Sgrùdaidh na Colaiste.
Bha Shona na Stiùiriche den chompanaidh aice fhèin, Solas Seirbhisean Gnìomhachais Eta, far an robh i gu mòr ag obair ann an leasachadh eacanomaigeach Gàidhlig agus sa choimhearsnachd. Bidh na sgilean aice air an cur gu feum san dreuchd ùir seo far am bi i an ceann ro-innleachd na Colaiste 2012-17 a chur an sàs le bhith co-òrdanachadh gach dleastanas is roinn den Cholaiste.
Thuirt Shona, “Tha mi air leth toilichte a bhith san dreuchd ùir seo far a bheil cothrom agam na sgilean is an t-eòlas agam a chur gu feum airson leasachaidhean sa Cholaiste agus, mar sin, airson na Gàidhlig. The ro-Innleachd na Colaiste uamhasach cudromach is tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr a bhith ag obair còmhla ris an sgioba airson nan leasachaidhean sin a thoirt gu buil.”
Bha Shona an sàs ann a bhith a’ cur Colaiste Taobh an Iar na Gàidhealtachd OGE air a casan eadar 2010 agus 2013 agus tha i cuideachd air a bhith na ball de MG ALBA, HIAL agus Grampian TV. Tha i an-dràsta na ball de Bhòrd na Gàidhlig.
Chuir Prionnsapal an t-Sabhail Mhòir, an t-Oll Boyd Robasdan, fàilte oirre don dreuchd ag ràdh “Tha sinn air leth toilichte neach cho comasach agus eòlach air obair bhuidhnean poblach fhastadh airson na dreuchd ùir seo. Tha Shona air a bhith an lùib obair leasachaidh fad iomadh bliadhna agus tha i fìor fhiosrach mu chùisean chorporra agus mu dhòighean ruith agus riaghlaidh bhuidhnean agus ghnìomhachasan. Tha e na bhuannachd mhòr dhuinn gu bheil i cho eòlach air an sgìre agus air saoghal na Gàidhlig.”