Stòras rannsachaidh aig Soillse – 2011
Tha Soillse’ Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig – a’ cur Stòras Rannsachaidh air bhog airson taic a thoirt do phròiseactan beaga a bhios a’ rannsachadh chuspairean ceangailte le ath-bheothachadh na Gàidhlig.
Thuirt Iain Caimbeul, Àrd-Mhanaidsear air a’ phròiseict Soillse:’Tha e na prìomh amas aig an Stòras seo leasachadh a dhèanamh air comasan rannsachaidh na co-bhuinn acadaimigich a tha obair aig Soillse, am measg luchd-rannsachaidh a tha, agus feadhainn a dh’fhaodadh a bhi, an-sàs an obair a’ cho-bhuinn. Thathas cuideachd ge-tà a’ sùileachadh gun tèid pròiseactan luchd-rannsachaidh lìonra acadaimigich Shoillse a chumail ann an compàirteachas le institiudan foghlam àrd-ìre eile is le buidhnean neo daoine aig a bheil ùidh ann an ath-nuadhachadh na Gàidhlig. Tha Soillse ag obair air siostaman is dòighean rannsachaidh ùra a stèidheachadh air bun-stèidh chompàirteachail, far an thèid barrachd eòlais is fiosrachaidh a sgaoileadh, piseach a thoirt air comasan is sàr-sgilean rannsachaidh agus far am bi barrachd tuigse ga cruthachadh air fìor mhodhan-obrach leasachadh na Gàidhlig’.
Thig beachdachadh air a h-uile tagradh rannsachaidh cho fad’s a tha an tagradh ceangailte le cuspairean a tha a’ toirt sùil air cleachdadh no ath-nuadhachadh na Gàidhlig. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh tagraidhean a thighinn a-steach air cuspairean ceangailte le ciamar a tha a’ Ghàidhlig air a cleachdadh ann an coimhearsnachdan neo ann an teaghlaichean; cuspairean a tha sgrùdadh dearbh-aithne agus fèin-mhisneachd anns a’ chànain; a’ bhuaidh a tha aig poileasaidhean poblach air leudachadh agus ath-nuadhachadh na Gàidhlig; agus dè a’ bhuaidh a tha aig teicneòlas air ionnsachadh agus air ath-bheothachadh na Gàidhlig.
Bidh fàilte mhòr air tagraidhean co-obrachaidh bho sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd ann an co-phàirt leis na h-oilthighean a tha a’ gabhail pàirt ann an Soillse.
Bheir Stòras Rannsachaidh Shoillse taic airgid suas gu £3,000 do phròiseactan rannsachaidh fon sgeama seo. Feumaidh tagraidhean cuideachd teachd a-steach eile luach 40% a chur leis an airgead taic a gheibh am pròiseact bho Stòras Rannsachaidh Shoillse. Am bliadhna, thathar an dùil ri 5 pròiseactan a mhaoineachadh bho an Stòras Rannsachaidh seo.
Bu chòir na h-iarrtasan a bhith a-staigh aig Soillse ro 17 An t-Og-mhios 2011 agus feumaidh na pròiseactan a bhith crìochnaichte ro dheireadh An Dùbhlachd 2011.
Airson foirm-iarrtais agus tuilleadh fiosrachaidh theiribh chun na làrach-lìn: http://www.soillse.ac.uk
Gheibhear cuideachd tuilleadh fios agus taic bho Iain Caimbeul air 01471 888559 neo tro phost-d aig fios@soillse.ac.uk