Stòras Rannsachaidh Shoillse
Tha Soillse, Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig – a’ cur Stòras Rannsachaidh air bhog airson taic a thoirt do phròiseactan beaga a bhios a’ rannsachadh chuspairean ceangailte le ath-bheothachadh na Gàidhlig.
Thig beachdachadh air a h-uile tagradh rannsachaidh cho fad’s a tha an tagradh ceangailte le cuspairean a tha a’ toirt sùil air cleachdadh no ath-nuadhachadh na Gàidhlig. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh tagraidhean a thighinn a-steach air cuspairean ceangailte le ciamar a tha a’ Ghàidhlig air a cleachdadh ann an coimhearsnachdan neo ann an teaghlaichean; cuspairean a tha sgrùdadh dearbh-aithne agus fèin-mhisneachd anns a’ chànain; a’ bhuaidh a tha aig poileasaidhean poblach air leudachadh agus ath-nuadhachadh na Gàidhlig; agus dè a’ bhuaidh a tha aig teicneòlas air ionnsachadh agus air ath-bheothachadh na Gàidhlig.
Bidh fàilte mhòr air tagraidhean co-obrachaidh bho sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd ann an co-phàirt leis na h-oilthighean a tha a’ gabhail pàirt ann an Soillse.
Bheir Stòras Rannsachaidh Shoillse taic airgid suas gu £3,000 do phròiseactan rannsachaidh fon sgeama seo. Feumaidh tagraidhean cuideachd teachd a-steach eile luach 40% a chur leis an airgead taic a gheibh am pròiseact bho Stòras Rannsachaidh Shoillse. Am bliadhna, thathar an dùil ri 5 pròiseactan a mhaoineachadh bho an Stòras Rannsachaidh seo.
Bu chòir na h-iarrtasan a bhith a-staigh aig Soillse ro 17 An t-Og-mhios 2011 agus feumaidh na pròiseactan a bhith crìochnaichte ro dheireadh An Dùbhlachd 2011.
Seallaibh gu h-ìosal airson foirm-iarrtais agus tuilleadh fiosrachaidh no thèid chun an làrach-lìn: http://www.soillse.ac.uk