Sùil às ùr air ainmean bailtean Leòdhais
Cluinnear òraid air ainmean bailtean Leòdhais bhon Ollamh Richard Cox mar chomharra air inbhe proifeasair a chaidh a bhuileachadh air bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Bidh an t-Oll. Cox a’ bruidhinn an ath mhìos ri luchd-èisteachd aig Sabhal Mòr Ostaig agus air feadh an oilthigh tro cheangal bhideo mu ainmean bailtean Leòdhais agus an obair rannsachaidh a rinn an t-Ollamh Magne Oftedal nach maireann.
Chaidh còrr is 126 ainm agus am fuaimneachadh a chruinneachadh leis an Oll. Oftedal fhad’s a bha e air sgoilearachd rannsachaidh ann an Leòdhas, agus e an sàs, eadar an t-Sultain agus an Dùbhlachd 1950 agus eadar an Giblean agus an Lùnastal 1951, san tràchdas PhD aige air dualchainnt Ghàidhlig Liùrboist.
Bheir an òraid seo sùil às ùr air a’ chuspair seo, air structar, brìgh agus cudromachd nan ainmean, an dà chuid air cuid Ghàidhlig agus cuid Lochlannais na h-oighreachd dualchasaich sònraichte seo.
Thuirt Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig:’Chaidh an tiotal Ollamh a bhuileachadh air Richard Cox le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE) air sgàth àrd inbhe a sgoilearachd agus obair rannsachaidh. Tha ainmean-àite agus an ceangal eadar Lochlannais agus Gàidhlig air a bhith nam prìomh chuspairean sgrùdaidh aige thar nam bliadhnaichean agus tha e air mòran a sgrìobhadh mun deidhinn, an leabhar ùghdarrasail The Gaelic Place-names of Carloway nam measg. ‘S e cothrom a tha seo do dhaoine anns a’ choimhearsnachd cho math ri luchd-obrach OGE fìor eòlaiche a chluinntinn air cuspair anns a bheil ùidh aig mòran dhen mhòr-shluagh agus a tha gu tric mar shlighe a-steach dhan chànan’
Thèid an òraid a thoirt seachad aig Sabhal Mòr Ostaig Diluain 14mh Màrt 2011 aig 4.30f. Ma tha ùidh aig duine a bhith an làthair no pàirt a ghabhail tro cheangal bhideo aig diofar àiteachan tron Ghàidhealtachd cuiribh fios gu Paul Ellison air 01463 27900.