
Tabhartas de phàipearan rannsachaidh prìseil is eachdraidheil ga thoirt do Leabharlann an t-Sabhail
Bha an sgoilear is neach-rannsachaidh iomraiteach, Proifeasair Coinneach MacFhionghuin, an làthair aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain seo gus tabhartas air leth prìseil a thoirt seachad do Leabharlann na colaiste, a chuireas gu mòr ri goireasan rannsachaidh an Ionaid Nàiseanta.
Bha Proifeasair MacFhionghuin an làthair aig tachartas sònraichte Diciadain (28mh Samhain) gus grunn de na làmh-sgrìobhainnean is pàipearan-rannsachaidh aige a thoirt don cholaiste, agus thug e òraid seachad cuideachd air rannsachadh na Gàidhlig agus a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aige air cor a’ chànain sna bliadhnaichean a tha romhainn.
Tha Proifeasair MacFhionghuin air a bhith an sàs ann an obair rannsachaidh air a’ Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan bho thràth sna 70an, agus tha an obair aige air cur gu mòr ri oidhirpean gus an cànan ath-bheothachadh, agus na toraidhean rannsachaidh aige a’ toirt dealbh soilleir dhuinn air beachdan dhaoine is gluasadan a thaobh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd agus air mar a bhathar a’ cleachdadh a’ chànain. Tòrr de na ceistean a tha gu mòr for comhair an-diugh, chaidh an togail, agus feadhainn dhiubh ’s dòcha airson a’ chiad uair a thaobh na Gàidhlig an cois obair rannsachaidh, sna sgrùdaidhean a rinn Proifeasair MacFhionghuin. A thuilleadh air a bhith na neach-rannsachaidh, tha Proifeasair MacFhionghuin air a bhith an sàs sna h-iomairtean gus a’ Ghàidhlig a neartachadh o chionn iomadh bliadhna, mar chomhairliche air planadh is poileasaidhean cànain, agus mar bhall de na Bùird aig buidhnean leithid Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA.
A’ bruidhinn Diciadain, thuirt Proifeasair MacFhionghuin: “Tha mi air a bhith air leth fortanach leis an taic agus am maoineachadh a fhuair mi thar nam bliadhnaichean bho iomadach buidheann, leithid SSRC, ESRC, EC, buidhnean Gàidhlig agus buidhnean ionadail. Tha mi an dòchas gun do rinn an rannsachadh a rinn mi feum a thaobh a bhith stiùireadh phoileasaidhean is oidhirpean a rinneadh a chum maith na Gàidhlig, agus nan daoine a tha ga bruidhinn is ga cleachdadh. Tha ceistean air leth cudromach ann ris am feum sinn coimhead a thaobh a’ chànain agus nan coimhearsnachdan Gàidhlig. Ach bu chòir dhuinn a bhith air ar misneachadh, nuair a smaoinicheas sinn air an taic agus na goireasan a th’ againn an-diugh an coimeas ris na bh’ againn nuair a thòisich mi air obair rannsachaidh agam, gun tèid againn air fuasgladh fhaighinn air na dùbhlain a tha romhainn.”
Thuirt Prionnsapal SMO, Proifeasair Boyd Robasdan: “Tha sinn fada an comain an Oll MacFhionghuin airson a chuid sgrìobhainnean rannsachaidh a thoirt dhan Leabharlann. ’S e cruinneachadh luachmhor dha-rìribh a tha seo de phàipearan co-cheangailte ri rannsachaidhean ann an diofar cheàrnaidhean de shaoghal na Gàidhlig. Cuiridh an ulaidh seo ris an stòras phrìseil a tha taisgte san leabharlann a-cheana agus bidh e na bhunait airson an t-seòrsa obair sgoilearachd agus rannsachaidh airson an do choisinn Coinneach MacFhionghuin cliù.”
Thuirt Cairistìona Cain, Ceannard Leabharlann na Colaiste: “Tha sinn air leth taingeil airson an tabhartais seo de phàipearan, anns a bheil na bliadhnaichean mòra de rannsachadh na Gàidhlig le fìor sgoilear agus eòlaiche. Cuiridh e gu mòr ri cruinneachaidhean an Leabharlainn agus bidh e na ghoireas cudromach don luchd-rannsachaidh aig a bheil ùidh ann an gleidheadh is leasachadh a’ chànain.”
Sa chruinneachadh de phàipearan a thug Proifeasair MacFhionghuin don cholaiste, tha taghadh farsaing de dh’fhianais air saothair is toraidhean obair rannsachaidh a’ Phroifeasair, nam measg tha: tagraidhean rannsachaidh, prìomh-dàta nam pròiseactan rannsachaidh sòiseo-cànanach a chaidh a dhèanamh an Ceap Breatainn, sna h-Eileanan Siar is san Eilean Sgitheanach, leabhraichean-nòtaichean, litrichean, altan, pàipearan co-labhairt is eile. Bho sgrùdadh air ceisteachain – air gleidheadh na Gàidhlig san teaghlach is cleachdadh a’ chànain sa choimhearsnachd – a chaidh a sgaoileadh am measg dhaoine sna Hearadh, am Barraigh agus san dà choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn sna 70an, gu pàipearan co-cheangailte ris an rannsachadh, ‘Scottish Opinion on Gaelic’, a rinn Proifeasair MacFhionghuin ann an 1981 agus e a’ faighneachd dè na beachdan a bh’ aig muinntir na h-Alba air gnothaichean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig ann an Alba, gu seachd àraid air aithne oifigeil don chànan.
Tha an cruinneachadh eachdraidheil is luachmhor seo a-nis mar phàirt de chruinneachaidhean Leabharlann SMO, agus ma tha ùidh aig duine sam bith ann a bhith leughadh pàipearan Phroifeasair MhicFhionghuin, no ma tha iad airson goireasan a thoirt seachad mar thabhartas, nach cuir sibh fios don Leabharlann air 01471 888 431/447 no air post-d sm00ll@uhi.ac.uk.