Skip to content
SMO Generic Banner Image

Tabhartas prìseil de phàipearan rannsachaidh agus cruinneachadh mòr de leabhraichean ciùil gan toirt seachad do Leabharlann SMO



Tha teaghlach an sgoileir phìobaireachd chliùitich, am Proifeasair Roderick Cannon, air na pàipearan rannsachaidh, làmh-sgrìobhainnean agus an cruinneachadh mòr de leabhraichean ciùil aige a thoirt do Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig; tabhartas air leth prìseil a chuireas gu mòr ri goireasan rannsachaidh na Colaiste. A’ buntainn sa mhòr-chuid ris a’ phìob mhòir, bha an rannsachadh aige cuideachd a’ coimhead gu dlùth air gach seòrsa pìob a tha air a cluich ann am Breatainn agus ann an Èirinn, a’ phìob Northumbrian agus a’ phìob uilinn nam measg. Tha taghadh farsaing de phàipearan agus sgrìobhainnean bho chòrr ’s leth-cheud bliadhna de shaothair anns a’ Chruinneachadh, agus leabhraichean ciùil a tha air cuid dhen fheadhainn phìobaireachd as tràithe a chaidh fhoillseachadh.

Rugadh Roderick Cannon ann an Lancashire. ’S e proifeasair na ceimigeachd a bh’ ann, ach bha e fad a bheatha a’ rannsachadh ceòl na pìoba agus tha na chuir e ris an eòlas a th’ againn air an ionnsramaid agus a cuid ciùil thar tomhais. Am measg na dh’fhoillsich e bha an leabhar iongantach Bibliography of Bagpipe Music agus The Highland Bagpipe and its Music. Cuideachd, rannsaich e gu fìor mhionaideach agus dheasaich e na làmh-sgrìobhainnean aig Eòsaph MacDhòmhnaill agus Dòmhnall MacDhòmhnaill, agus Cruinneachadh MhicArtair-MhicGriogair.

Thuirt Leabharlannaiche na Colaiste, Cairistìona Cain: “Tha sinn air leth taingeil cruinneachadh cudromach dhe leithid fhaighinn. Tha a’ Ghàidhlig agus pìobaireachd dlùth-cheangailte ri chèile agus, gu dearbh, dh’ionnsaich Roderick fhèin a’ Ghàidhlig gus cuideachadh leis an rannsachadh aige. Cuiridh an Cruinneachadh gu mòr ri cruinneachaidhean an Leabharlainn agus bidh e na ghoireas air leth do dh’oileanaich, do luchd-rannsachaidh agus don mhòr-shluagh.”

Thuirt Ùisdean Cheape MBE (Àrd-òraidiche Shabhal Mòr Ostaig a bha cuideachd an sàs ann an rannsachadh còmhla ri Roderick Cannon): “Tha teaghlach Ruairidh air leth fialaidh dhuinn an co-chruinneachadh aige a chur thugainn ann an Sabhal Mòr Ostaig. Tha tiodhlac cho prìseil ’s a tha seo a’ comharrachadh gun robh Ruairidh fhèin na phìobaire le ùidh fad a bheatha ann an cultar agus cànan a’ Ghàidheil, agus gum biodh e cho dealasach a bhith ga bruidhinn gach uair ’s a bha cothrom aige! ’S e sàr sgoilear na pìobaireachd a bh’ ann an Ruairidh agus rinn e obair rannsachaidh cho mionaideach fad bhliadhnaichean, agus nach do rinn sùil an fhir-shaidheans diofar mòr ris an t-saothair aige. Tha beairteas sònraichte againn an-dràsta agus dìleab annasach ri oileanaich agus pìobairean anns an àm ri teachd.”

Tha an cruinneachadh iongantach seo a-nis na phàirt de chruinneachaidhean Leabharlann an t-Sabhail Mhòir agus thathar an-dràsta ga chatalogadh. Faodaidh duine sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith a’ rannsachadh nan goireasan fios a chur don Leabharlann aig sm00ll@uhi.ac.uk air neo 01471 888 431/447.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578