
Taic-airgid ri faotainn do dhaoine aig a bheil ùidh ann an teagasg
Tha Bòrd na Gàidhlig an-diugh (24/05/2013) a’ foillseachadh sgeama taice bliadhnail do dh’ oileanaich teagaisg agus cothrom ann fhathast do dhaoine a tha airson a bhith nan tidsearan Gàidhlig cur a-staigh airson cùrsaichean teagaisg a tha a’ tòiseachadh as t-samhradh.
Tha àiteachan rim faotainn fhathast air cuid de na cùrsaichean teagaisg Gàidhlig, a’ gabhail a-staigh cùrsaichean Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean eile tro mheadhan na Gàidhlig.
’S ann aig Oilthigh Srath Chluaidh, Oilthigh Obar Dheathain agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha na cùrsaichean Ciad-fhoghlam Luchd-teagaisg Gàidhlig stèidhichte.
Le roghainn fharsaing de chùrsaichean fo-cheuma agus for-cheuma ann airson teagasg, thathas a’ sùileachadh gun tig àrdachadh air an àireimh de dhaoine a tha gu bhith ag ionnsachadh gu bhith nan tidsearan Gàidhlig ann an 2013-2014.
Tha an sgeama taice aig Bòrd na Gàidhlig, air a bheil Tabhartasan Foghlaim, a’ tabhann maoineachadh suas gu £1,000, agus sin a rèir dè an cùrsa agus cò a’ bhliadhna ionnsachaidh air a bheil an neach, agus taic le cìsean cùrsa mura faigh daoine iad sin air am pàigheadh le Buidheann Thabhartasan Oileanach na h-Alba (SAAS).
Tha am Bòrd cuideachd ag aithneachadh gu bheil aig cuid a dhaoine ris an dreuchd a leigeil seachad airson trèanadh a dhèanamh mar thidsear agus mar thoradh air an sin, tha maoineachadh a bharrachd ri fhaotainn suas gu £4,000 do dhaoine san t-suidheachadh sin.
Feumaidh iarrtasan airson an sgeama seo a bhith aig Bòrd na Gàidhlig ro Dhiluain 16 Sultain 2013.
Thuirt Ministear airson Sgilean is Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba, an Dr Alasdair Allan: “Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn cho cudromach ’s a bhios an obair a nì tidsearan Gàidhlig ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith buan agus brìoghmhor sna bliadhnaichean ri thighinn. Gu tric ’s ann bhuapasan a gheibh daoine òga a’ chiad bhlasad den Ghàidhlig agus tha e deatamach gum faigh daoine le ùidh ann an teagasg Gàidhlig an taic a dhìth orra gus na sgilean cànain is teagaisg aca a leasachadh.”
Thuirt an Leasaiche Foghlaim agus Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, Màiri Nic Ille Mhaoil: “Tha raon farsaing de chùrsaichean ann do dhaoine aig a bheil ùidh a bhith nan tidsearan Gàidhlig, eadar cùrsaichean fo-cheuma is for-cheuma, ionnsachadh làn-ùine is pàirt-ùine agus ionnsachadh air astar.
“Airson na targaidean a tha anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig a choileanadh a thaobh a bhith a’ toirt fàs air an àireimh bhliadhnail a tha a’ dol gu Foghlam tron Ghàidhlig tha Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh dìreach cho cudromach ’s a tha e gum bi barrachd luchd-teagaisg ann agus tha an sgeama, Tabhartasan Foghlaim, a’ cur ris an obair a tha ga dhèanamh airson daoine a bhrosnachadh a dhol air adhart gu cùrsaichean teagaisg Gàidhlig.”