Stèidheachd Teaghlaich Dr Frederik Paulsen a’ toirt taic do Shabhal Mòr Ostaig
Tha Sabhal Mòr Ostaig, An t-Ionad Nàiseanta airson Cànan, Foghlam, Cultar is Ealain na Gàidhlig, a’ cur fàilte air an naidheachd gu bheil Dr Frederik Paulsen Jnr air taic fhialaidh luach £50,000 a thoirt mar thabhartas don Cholaiste.’S e Dr. Paulsen, cuide ri Mossburn Distillers, a tha a’ stiùireadh leasachadh an taigh-staile ùir ann an Slèite, Taigh-staile Thòrabhaig.
Tha an tabhartas fialaidh seo, a chaidh a lìbhrigeadh tro Stèidheachd Teaghlaich Paulsen, air a thoirt seachad airson an obair chudromach aithneachadh anns a bheil Sabhal Mòr Ostaig an sàs agus a’ cur an gnìomh mar Ionad Nàiseanta na Gàidhlig is a’ Cholaiste an lùib ath-bheothachadh agus leasachadh leantainneach a’ chànain, a’ chultair agus na coimhearsnachd.
Tha teaghlach Dr Paulsen, aig a bheil a’ chompanaidh chliùiteach eadar-nàiseanta Ferring Pharmaceuticals, a chaidh a stèidheachadh ann an 1936 le athair Dr Paulsen, Dr Frederick Paulsen Senior nach maireann, air a bhith a’ maoineachadh phròiseactan air feadh an t-saoghail o chionn fhada.
Rugadh Dr Paulsen Snr ann am baile beag Dagebull air costa Fhrìoslann a Tuath agus bha ùidh mhòr shònraichte aige ann an glèidheadh agus brosnachadh na Frìoslannais, cànan a phàrantan agus a shinnsearan.
Thuirt Dr Donnie Rothach, Stiùiriche Leasachaidh, Maoineachaidh agus nan Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig,
‘Tha sinn air leth taingeil airson an tabhartais seo agus, a thuilleadh air cho feumail’s a bhitheas e,’s e aithneachadh cudromach eadar-nàiseanta a th’ ann air an obair leantainnich againn is sinn a’ cumail taic ri cànan, cultar agus coimhearsnachd na Gàidhlig agus tha e a’ samhlachadh tuigse agus taic eachdraidheil teaghlach Paulsen air saoghal nam mion-chànanan air feadh an t-saoghail.’
Thèid an tabhartas, a bhios ga roinn thar dà bhliadhna ionmhais, a chur gu feum airson taic a chumail ri obair Tobar an Dualchais-Kist o Riches, Prògram Glèidhidh is Didseatachaidh Nàiseanta, a tha air a mheas mar aon de na prògraman dualchais as motha agus as cudromaiche anns an Roinn Eòrpa.
Thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, Proifeasair Boyd Robasdan,
“Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air a’ mhaoineachadh seo a chuirear gu feum an lùib pròiseict a tha air leth cudromach gu h-eadar-nàiseanta leis an urrainn do dhuine sam bith an àite sam bith ceangal-lìn a dhèanamh agus beairteas na Gàidhlig agus na Beurla Gallda a chluinntinn ann. Tha sinn fada an comain Dr Paulsen airson an tuilleadh taic seo do mhion-chànanan agus airson an ceangal cultarail eadar taigh-staile Thòrabhaig agus prìomh amas an t-Sabhail Mhòr aithneachadh.”