
Taisbeanadh aig Sabhal Mòr Ostaig agus Sgoilearachd Jon Schueler 2018
Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, air an neach-ealain ainmeachadh a tha air greis-chòmhnaidh Sgoilearachd Jon Schueler a chosnadh am-bliadhna agus cuideachd taisbeanadh ùr leis an neach-ealain David Lemm, air an deach an sgoilearachd a bhuileachadh an-uiridh.
‘S e com-pàirteachadh eadar-nàiseanta air leth a th’ ann an Sgoilearachd Jon Schueler -‘s i seo an t-siathamh bliadhna den sgoilearachd – eadar Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras Carthannach Jon Schueler, le taic Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Chaidh a stèidheachadh airson beatha, obair is buaidh a’ pheantair eas-chruthaich chliùitich, Jon Schueler (1916-1992), a chomharrachadh agus mar thoradh air a’ cheangal shònraichte a bh’ aige le cruth-tìre agus àrainneachd na Linne Slèitich.
Bidh a’ ghreis ealain air mhuinntireas aig Rachel Schmidt às na Stàitean Aonaichte stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig eadar an t-Iuchar agus an Dàmhair. Tha Rachel na neach-ealain stàlaidh is i a’ fuireach ann an sgìre Washington D.C.
Bidh i ag obair le meadhanan bonntaichte air tìm agus bidh i a’ cur ealain-stàlaidh air bhonn airson a’ bhuaidh againn air eag-shiostaman, cruthan-tìre ri teachd agus a’ bhuaidh a tha aig ùr-sgeul air an tuigse a th’ againn air an àrainneachd a rannsachadh.
Choisinn Rachel MFA bho Maryland Institute College of Art ann am Baltimore mus deach i a Warsaw, sa Phòlainn far an robh i ann sàs ann an rannsachadh ealain fad bliadhna. Bha Rachel ag obair mar Cho-òrdanaiche Taisbeanaidh aig Taigh-tasgaidh Smithsonian Hirshhorn eadar 2012 is 2016 agus bha i na neach-ealain air mhuinntireas aig Ionad-ealain Arlington, Baile-ealain Thaipei, Ionad Stiùidio Vermont agus Taller Portobelo Norte ann am Panama.
Tha i air taisbeanaidhean a chumail sna Stàitean Aonaichte agus air feadh an t-saoghail, agus tha lèirmheasan mu a cuid ealain air nochdadh ann an Sculpture Magazine, The Washington Post agus grunn irisean eile.
Bithear a’ taghadh neach-ealain lèirsinneach co-aimsireil a h-uile bliadhna agus tha còrr is 1300 luchd-ealain air iarrtasan a dhèanamh airson na sgoilearachd. Tha luchd-ealain air a bhith ann gu ruige seo às an t-Seapain, an Fhraing, Alba agus a’ Ghearmailt.
Thuirt Rachel Schmidt: “‘S e urram mòr da-rìribh a tha ann a bhith a’ faighinn Sgoilearachd Jon Schueler. Mar neach-ealain, tha an dòigh-obrach agam stèidhichte air an àrainneachd agus na tha an dàn don t-saoghal nàdarra. Tha mi cinnteach gun cuir an cothrom ionnsachaidh seo anns an àrainneachd is a’ chultar ainmeil sin ris an obair-ealain gu lèir agam san àm ri teeachd.”
Thèid taisbeanadh de dh’obair-ealain le David Lemm, a bha na Neach-ealain Schueler ann an 2017, fhosgladh aig an t-Sabhal Mòr, Diluain 19 An Gearran.
Bha obair Lemm bonntaichte air an sgìre mu thimcheall na Colaiste agus na Cille Bige, far a bheilear a’ dealbhadh a’ chiad bhaile ùir san Eilean Sgitheanach fad 100 bliadhna.
Bha a chuid obrach a’ tarraing air a’ chothrom air leth airson fearann a sgrùdadh a tha an impis a dhol na àite tuineachaidh. Fhreagair David ris an ùine atharrachaidh seo, a tha mar fhaileas eadar fathann agus an fhìrinn, le bhith a’ meòrachadh air an àm a chaidh seachad, air a’ chruth-tìre mar a tha e an-dràsta agus air draghan mun àrainneachd, fhad’s a chluich e le sùil ealanta agus ìomhaighean de na dh’fhaodadh a bhith ann sna linntean ri teachd.
Tha na dh’ionnsaich e, tro a chiad cheuman sa Ghàidhlig agus rannsachadh san stiùidio, air cur ri trì sreathan fa leth de dh’obair-ealain anns a bheil dealbhan tarraingte, collage agus clò-sgrìon a’ nochdadh.
Thuirt Kath NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig: “Eadar an t-seachdain a chuir e seachad air cùrsa goirid Gàidhlig as t-samhradh agus na tachartasan poblach san stiùideo is bùithtean-obrach le clann na bun-sgoile, tha David air cur gu mòr ris a’ choimhearsnachd seo aig Sabhal Mòr Ostaig.”
Bidh an taisbeanadh’Passing Place’ ri fhaicinn eadar 20 An Gearran agus 20 An Giblean agus bidh cuirm-fhosglaidh ann Diluain 19 Gearran aig 6.30f ann an Àrainn Chaluim Cille, Sabhal Mòr Ostaig.
Tha Lemm stèidhichte ann an Dùn Èideann agus tha a dhòigh-obrach measgaichte a’ toirt a-steach iomadh stoidhle is pròiseas a leithid obair clò-sgrìon, meadhanan measgaichte agus ìomhaighean gluasadach. Rugadh e ann an Cathair Chaladain agus rinn e ceum aig Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone, Dùn Dè. Tha e air a bhith an sàs ann an iomadh seòrsa pròiseict tro ghreisean còmhnaidh, prògraman foghlaim agus coimiseanan, agus o chionn beagan bhliadhnaichean chùm e taisbeanaidhean aig Edinburgh Printmakers (Debris and Phenomena, 2015) agus House of Illustration, Dùn Èideann (Mapping King’s Cross, 2016).