
Taisbeanadh “pop-up” aon latha!
Cymylau Tystion
Taisbeanadh “pop-up” aon latha!
Diardaoin 5mh Am Màrt
6f-7f An Atrium, ACC, Sabhal Mòr Ostaig
FÀILTE AIR A H-UILE DUINE
‘S e neach-ealain didseatach is fuaime a th’ ann an Naomi Heath à Llanafan, Ceredigion, anns a’ Chuimrigh;’s ann à Contae Ciarraí ann an Èirinn a tha an snaidheadair is neach-ealain lèirsinneach, Ciara Ní Fhloinn. Thachair iad ri chèile aig Tional, co-labhairt nan Nàbaidhean Ceilteach, aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2013. Chuir na bailtean beaga tuathanais, Bro Cegir is Y Fron Goch ann an gleann Dyfi sa Chuimrigh, fàilte bhlàth air an dithis fad naoi mìosan nuair a chuidich iad le obair chloiche, le todhar, le biathadh uan is chaorach, air cùl cuibhle tractair, is iad fhèin ag èisteachd is ag ionnsachadh. Chuir iad ùine seachad cuideachd ag obair le clann na bun-sgoile. Ghabh iad tì is bonnaich cuide ri muinntir na coimhearsnachd, dh’èist iad ri sgeulachdan is cuimhneachain, agus bha spòrs is dibhearsan am pailteas cuideachd. Bha iad fhèin mar sgàthan don choimhearsnachd, a’ feuchainn ri beatha nan daoine a riochdachadh ann an dòigh bhrèagha, onarach agus iad a’ cur ciall eile air obair choimhearsnachd. Chì thu an seo – tro shùilean an luchd-ealain is muinntir na coimhearsnachd – sealladh de bheatha chultarail nan trì bailtean ann am meadhan na Cuimrigh.
Nach tig sibh ann a choinneachadh ri an neachd-ealain lèirsinneach, Naomi Heath, agus Meic Llewellyn Co-òrdanaiche aig Nàbannan Ceilteach
Nàbannan Ceiltich: ‘S iad na prìomh amasan gun tèid co-obrachadh cultarail a leasachadh is a chuideachadh agus gun tèid sgilean a sgaoileadh am measg bhuidhnean a tha ag obair anns na cànanan dùthchasach Ceilteach, airson Gàidhlig na h-Alba is na h-Èireann, a’ Chuimris is mion-chànanan eile a bhrosnachadh airson com-pàirteachadh cultarail a leasachadh is a ghlèidheadh.
Mae Naomi Heath, o Lanafan yng Ngheredigion yn artist digidol a sain, ac mae Ciara O’Flynn o Swydd Kerry yng ngorllewin Iwerddon yn gerflunydd ac artist celf weledol. Wnaeth y ddau artist gwrdd yn y gynhadledd Tional. Gynhaliwyd Tional gan Gymdogion Celtaidd yn Sabhal Mòr Ostaig, yn 2013. Dros naw mis, mae pobl cymuned fach amaethyddol Bro Cegir a’r Fron Goch yn Nyffryn Dyfi wedi bod yn agor eu drysau i groesawu dwy wraig ifanc i’w plith Mae’r ddwy wedi bod yn codi waliau cerrig, yn symud tom, yn bwydo defaid ac ŵyn, yn gyrru tractorau, yn gwrando ac yn dysgu. Maen nhw wedi bod yn gweithio hefyd â phlant ysgol gynradd y fro. A thrwy hyn i gyd mae pobl y gymuned wedi bod yn rhannu te, teisennau, chwedlau, atgofion, syniadau a’u hwyl gyda’u hymwelwyr. Mae’r artistiaid wedi ceisio bod yn ddrychau i’r gymuned ac adlewyrchu bywyd y dyffryn mewn ffordd onest a hardd – a thrwy hynny dod ag ystyr newydd, mwy annwyl a Chymreig, i’r term “community engagement”. Dyma gyfle iddoch chi gael cipolwg drwy lygaid yr artistiad a hefyd lygaid phobl y cwm – a’r diwylliant tri phentref yng nghanolbarth Cymru.