Skip to content
SMO Generic Banner Image

Obair neach-ealain iomraiteach à Iapan ga thaisbeanadh aig SMO



Thèid taisbeanadh de dh’obair a rinn an dealbhadair ainmeil à Iapan, Takeshi Shikama, fhosgladh aig Sabhal Mòr Ostaig Dihaoine (20 Sultain) sa tighinn aig 7f. Tha Takeshi air a bhith stèidhichte aig a’ cholaiste fad mìosan an t-samhraidh agus e air mhuinntireas aig SMO le Sgoilearachd Jon Schueler.

Tha na dealbhan san taisbeanadh mar thoradh air an ùine a tha Takeshi air a chur seachad san Eilean Sgitheanach, agus tha na dealbhan pallaidium platanam aige clò-bhuailte air pàipear Gampi, pàipear Iapanach sònraichte a tha air a dhèanamh le làimh. Bidh an taisbeanadh ga shealltainn gu 2 Samhain ann an Àrainn Chaluim Chille aig SMO. Tha an taisbeanadh seo a’ leantainn bho thaisbeanadh a chùm Takeshi na bu thràithe air a’ bhliadhna aig a’ cholaiste, far an robh cruinneachadh de dhealbhan a thog e ann an Hokkaido ga thaisbeanadh fon ainm, ‘Anail Sìtheil nan Coilltean’.

A rèir Takeshi: “Bho thàinig mi dhan Eilean Sgitheanach, tha na speuran air a bhith gu mòr fo m’ aire, gu sònraichte na seallaidhean iongantach a chì sibh de na sgòthan. Cha robh mi riamh ann an àite airson dealbhan a thogail far a bheil a’ ghaoth ag atharrachadh an uiread bho latha gu latha. Tha sin air buaidh mhòr a thoirt air m’ obair. Thòisich mi a’ clò-bhualadh dhealbhan a-muigh san t-solas nàdarra, an àite a-staigh san stiùidio fo sholais cheimigeach mar a chleachd mi a bhith dèanamh. Tha mi cho taingeil gun d’ fhuair mi an cothrom seo, oir thug e dhomh dòigh ùr sealltainn air nithean. Tha an ùine a chuir mi seachad an seo prìseil dhomh. Mairidh e nam inntinn agus bheir e buaidh air m’ obair airson an còrr dhem bheatha.”

A’ bruidhinn air a’ bhuaidh a thug ceòl is cànan nan Gàidheal air agus an ceangal a bh’ ann eadar an obair a rinn e ann an Hokkaido agus san Eilean Sgitheanach, thuirt Takeshi: “Bha dùil agam ’s dòcha gum faicinn nithean ceudna ann an cruth-tìre an dà àite, agus iad cho fada air falbh. Ach, cha tàinig e a-steach orm idir gum biodh an uiread de rudan a tha coitcheann dhan dà eachdraidh is cultar cuideachd.”

Thuirt Kath NicLeòid, an t-Oifigear Leasachaidh Ealain aig SMO: “’S e urram mòr a th’ ann gur e Takeshi a’ chiad neach-ealain a tha air a bhith air mhuinntireas aig SMO tro Sgoilearachd Jon Schueler. Tron sgoilearachd, tha e air ceangal is conaltradh a dhèanamh ri iomadach neach: luchd-ealain eile, oileanaich, luchd-tadhail, daoine bhon choimhearsnachd, agus o chionn ghoirid thug e seachad òraid air beulaibh sluagh mòr ann an Ionad nan Nuadh Mheadhanan aig Oilthigh Dhùn Èideann. ’S e com-pàirteachas air leth sònraichte a th’ anns an Sgoilearachd eadar Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus Urras Jon Schueler. Tha e air a bhith air leth inntinneach fhaicinn mar a chaidh coluadar ealain is cultarach a dhèanamh eadar Takeshi is càch.”

Chaidh an Sgoilearachd a stèidheachadh gus comharra a dhèanamh agus cuimhne a chumail air beatha, obair agus buaidh an neach-ealain chliùitich, eadar-nàiseanta agus a’ pheantair eascruthaich, Jon Schueler (1916-1992), agus airson aithne a thoirt dhan dlùth-chàirdeas a bh’ aige le cruth-tìre agus àrainneachd na Linne Slèitich. Thèid an sgoilearachd a thabhann gach bliadhna gu neach-ealain ùr agus bidh e a’ ruith bho 2013 gu 2016.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578