Skip to content
SMO Generic Banner Image

Turas nam Misak a dh’Alba



Chaidh na Misak, a bhuineas do sgìre Chauca ann an Colombia, fhuadachadh às an fhearann aca agus cha mhòr nach deach iad à bith mar shluagh. Anns an dà fhichead bhliadhna a dh’fhalbh, tha iad, an aghaidh an t-srutha, air sealbh fhaighinn air an cuid fearainn, air a’ chultar aca agus air na tha romhpa san àm ri teachd. Rinn iad seo le bhith a’ leasachadh Plan de Vida, a tha na dhòigh-obrach air leth a leigeas le coimhearsnachdan an saoghal aca ath-dhealbhadh agus smachd a chumail air a-rithist. Chaidh an dòigh-obrach seo a leasachadh leis na Misak anns na 1980an agus tha na ceudan de shluaghan is de choimhearsnachdan air feadh Ameireaga a Deas agus thall thairis air a chur an sàs.

Tha ceannardan Misak a’ tighinn gu Sabhal Mòr Ostaig airson eòlas a thoirt dhuinn agus ionnsachadh bhuainn air ath-bheothachadh cultarail agus cho cudromach’s a tha cànan is cultar an lùib leasachadh coimhearsnachd. Bidh na ceannardan Misak, Jeremias Tunubala agus Liliana Pechene Muelas a’ cumail chòmhraidhean aig an tachartas airson eòlas is molaidhean a thoirt do chàch a chèile air coimhearsnachdan a thogail às ùr, fèin-aithne chultarail fhaighinn air ais agus lèirsinn choitcheann na coimhearsnachd. Tha an tachartas seo mar phàirt de thuras thachartasan ann an Alba sa Ghiblean agus sa Chèitean.

Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn an seo:

Tachartas fosgailte don a h-uile duine air 2 An Cèitean 2018, Camas Chros, An t-Eilean Sgitheanach: http://bit.ly/MisakInCamuscross

Tachartas air 3 An Cèitean aig: http://bit.ly/MisakSMO

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578