Urras Leasachaidh air a chur air chois le tiodhlac £100,000
Chaidh Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air chois an t-seachdain seo airson taic a chumail do dh’obair na Colaiste mar Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig.
Chaidh cuirm shònraichte a chumail ann an Sràid Downing, leis an t-Seansalair, am Fear Urramach Alasdair Darling BP agus a bhean Mairead, mar chomharra air soirbheachadh an t-Sabhail agus air ceum cudromach eile ann an leasachadh na Colaiste.
Bidh an t-Urras, a tha na charthannas le Bòrd dha fhèin, a’ togail airgid airson amasan agus pròiseactan sònraichte a tha san amharc aig an t-Sabhal, a’ toirt a-staigh leasachadh chùrsaichean, a’ togail ghoireasan spòrs is chur-seachadan agus a’ cur ri tachartasan cultarach do dh’oileanaich agus do mhuinntir na coimhearsnachd.
Chaidh ainmeachadh gun robh tiodhlac luach £1000,000 ga thoirt seachad don Urras le Proifeasair Caroline Tisdall, is i fhèin agus a cèile, Paul Van Vlissingen nach maireann, air taic mhòr a thoirt don Cholaiste thar nam bliadhnaichean.
Thuirt Donnie Rothach, Prìomh Oifigear an Urrais; “Bidh e mar phrìomh uallach aig an Urras Leasachaidh taic a chumail ris an t-Sabhal leis an obair chudromach anns a bheil i an sàs do dh’ath-leasachadh na Gàidhlig tro fhoghlam, leasachadh eaconamach, gnìomhachas agus na h-ealain agus cuideachd ri bhith cur ri leasachaidhean deatamach ùra aig a’ Cholaiste san àm ri thighinn.
“Tha cothrom a-nis aig daoine air feadh an t-saoghail a tha measail air a’ Ghàidhlig taic a chumail ris a’ chànan agus ri obair an t-Sabhail tron Urras.”
Tha an t-Urras air a dhol an sàs ann an caidreachas ro-innleachdail còmhla ri dhà dhe na h-Urrasan as cliùitiche: Caidreachas nan Gàidheal, agus Urras na h-Aiseirigh aig Sir Iain Noble, a bha air cùl cruthachadh Sabhal Mòr Ostaig fhèin. Bidh iad seo a’ sìor leantainn orra mar mhaoin thochraidh ainmichte am broinn Urras Leasachaidh Shabhal Mòr Ostaig.
Tha Sgoilearachd Ghàidhlig an Dr Fhearchair Mhic an Tòisich cuideachd mar mhaoin thochraidh ainmichte am broinn an Urrais mar chuimhne air Cathraiche an t-Sabhail a bha na shàr-eòlaiche foghlaim agus a bha a’ strì fad a bheatha às leth na Gàidhlig.