OIDEAS
Fàilte gu Oideas, sreath de dh’agallamhan mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Anns gach pod-chraoladh, bidh Gwen NicGuaire a’ bruidhinn ri sàr-eòlaichean foghlam mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.
Tha sinn ag amas air leasachadh proifeasanta do dh’oileanaich teagaisg agus luchd-teagaisg – a’ brosnachadh dhòighean smaoineachaidh ùra, a’ togail cheistean agus a’ co-roinn fiosrachadh eadar tidsearan Gàidhlig a tha tric a’ dèiligeadh ris na h-aon dùbhlain nan obair làitheil.
Ach, do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann am Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig, ‘s e deagh chothrom a th’ ann èisteachd ri tidsearan agus eòlaichean a’ cnuasachadh is còmhradh.