Skip to content
Picture of Oliver

Oliver Mezger

Chaidh Oliver Mezger ainmeachadh mar an neach-ealain Sabhal Mòr Ostaig fo Sgoilearachd Jon Schueler ann an 2015.

Tha ainm aig Oliver mar neach-ealain ùr-nòsach is innealta a bhios a’ cleachdadh mheadhanan leithid film is cleasachd agus na meadhanan didseatach. Tha Oliver stèidhichte ann an Alba agus tha e air grunn thaisbeanaidhean a chur air dòigh bho dh’fhàg e Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 2006 far an do rinn e Ceum Maighstireil sna h-Ealain Ghrinn.

Chaidh Oliver, a’ chiad duine a tha stèidhichte ann an Alba a tha air an sgoilearachd seo fhaighinn, a thaghadh bhom measg 406 neach-ealain a chuir a-steach air a shon bho air feadh an t-saoghail. Tha cliù na sgoilearachd a’ sìor dhol am meud agus tha i a’ tarraing luchd-ealain aig a bheil ùidh sa Ghàidhealtachd agus san àite a th’ againn san t-saoghal mhòr san latha an-diugh. Tha iad cuideachd a’ faicinn gu bheil cothrom air leth ann iad fhèin a bhogadh ann an coimhearsnachd, cànan, tìr agus cultar na sgìre agus cothrom aca air na goireasan barraichte a th’ againn an seo aig Sabhal Mòr Ostaig airson luchd-ealain.

A’ bruidhinn air an ùine aige aig Sabhal Mòr Ostaig, thuirt Oliver gu robh e air a dhòigh glan an cothrom seo fhaighinn: “Bha e fìor mhath ùine a chur seachad a’ cnuasachd air bàrdachd Ghàidhlig is ceòl na pìoba ann an doimhneachd còmhla ri oileanaich is luchd-rannsachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig. Ann a bhith a’ dèanamh oidhirp ceòl mòr a thuigsinn is a thaisbeanadh ann an dòigh a tha freagairt air an latha an-diugh, chuir mi ceistean san ùine agam ann an Slèite – mar neach-ealain a bhios a’ dèanamh feum de dh’fhilm is cleasachd – a thaobh ciamar a bha mi a’ dol a shealltainn, tro na h-ealain lèirsinne, mar a tha sinn fhathast san linn dhidseatach a’ faireachdainn faisg air na seann ealain ach aig an aon àm a’ faicinn gu bheil iad eadar-dhealaichte bho na th’ againn an-diugh.”

Fhuair Oliver an Duais RSA Morton 2013/14 o chionn ghoirid airson luchd-ealain a tha ag obair ann an Alba le meadhan far a bheil iad a’ cleachdadh lens. Leis an duais sin, chaidh aig Oliver air an obair ‘Air Sgàth – For the sake of Margaret Tait’ a dhèanamh le film is dealbhan. Thug e dà bhliadhna dha crìoch a chur air agus e a’ freagairt air a’ film a rinn Margaret Tait, ‘Caora Mòr – The Big Sheep’ ann an 1966.

Thèid Sgoilearachd Jon Schueler a bhuileachadh air neach-ealain eadar-dhealaichte gach bliadhna, agus b’ e Takeshi Shikama à Iapan a’ chiad neach-ealain a fhuair an sgoilearachd ann an 2013, agus an uair sin ann an 2014 bha an neach-ealain fuaime Helmut Lemke às a’ Ghearmailt air mhuinntireas aig a’ Cholaiste leis an sgoilearachd. ’S e com-pàirteachas eadar-nàiseanta, sònraichte a th’ ann an Sgoilearachd Jon Schueler eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Jon Schueler, le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, agus tha e a’ cur ris a’ phrògram air mhuinntireas a tha mu thràth air a ruith le Sabhal Mòr Ostaig, le taic bho Alba Chruthachail, airson sgrìobhadairean Gàidhlig, luchd-ciùil, luchd-ealain lèirsinne agus luchd-dràma Gàidhlig.

Chaidh Sgoilearachd Jon Schueler a stèidheachadh gus comharra a dhèanamh agus cuimhne a chumail air beatha, obair agus buaidh an neach-ealain chliùitich, eadar-nàiseanta agus a’ pheantair eascruthaich Jon Schueler (1916-1992), agus airson aithne a thoirt dhan dlùth-chàirdeas a bh’ aige le cruth-tìre agus àrainneachd na Linne Slèitich.

Chaidh co-labhairt is taisbeanadh a chumail gus beatha Jon Schueler a chomharrachadh eadar 27 is 29 Cèitean 2016 aig Sabhal Mòr Ostaig, ceud bliadhna bho rugadh Schueler.

Aithisg Sgoilearachd Jon Schueler 2015 “parallels”  le Oliver Mezger

Airson tuilleadh fios air an obair a rinn Oliver aig Sabhal Mòr Ostaig, rach gu:  http://ohvmezger.co.uk/

Chithear an seo film ghoirid a chruthaich Oliver – “foghar – noise, sound, note, blow” https://vimeo.com/169000680

Picture of a hand
Picture of a tree trunk
Picture from a video
oliver-video-still3

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578