Skip to content

Na h-oileanaich PhD againn

Coinnich ris na h-oileanaich PhD againn agus faigh a-mach barrachd mu na cuspairean rannsachaidh aca gu h-ìosal.

Kirsty MacDougal

Kirsty NicDhùghaill

Tha Kirsty à Beàrnasdal anns an Eilean Sgitheanach agus na h-òraidiche ann an Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig, far a bheil i a’ teagasg air na cùrsaichean bogaidh.

Tha a rannsachadh, “Tar-chur eadar ginealaich anns an Eilean Sgitheanach: sùil air na cnapan-starra a tha mu choinneimh luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig ann a bhith a’ cleachdadh a’ chànain leis an ath-ghinealach”, ag amas air tar-chur na Gàidhlig eadar ginealaich anns an Eilean Sgitheanach a sgrùdadh. Thèid fòcas sònraichte a chur air na paraistean de Chille Mhoire, Shlèite, Phort Rìgh agus Shnìosart. Tha an rannsachadh seo ag amas air tuigse fhaighinn air dè cho tric agus ann an dè na suidheachaidhean a thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig anns na sgìrean sin, agus carson. Thathar an dùil molaidhean a chur air adhart airson iomairtean is poileasaidhean a dh’fhaodadh taic a thoirt do dh’ath-bheothachadh na Gàidhlig aig ìre teaghlaich agus coimhearsnachd.

 

Ross Christie

Ross Christie

Tha Ross Christie air obrachadh roimhe na iùiliche air a’ bhlàr a-muigh, ag obair gu sònraichte le sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ tabhann orra cothrom an cuid Gàidhlig a chleachdadh, a leasachadh, agus a cho-theacsachadh ann an suidheachaidhean ùra, eadar-dhealaichte.

Tha Ross a’ sgrùdadh nan cleachdaidhean cànain aig deugairean ann an co-theacsa ath-bheòthachadh mion-chànain mar phàirt de rannsachadh bho shealladh sòseo-chànanach. Tha am pròiseact seo gu bhith ag amas air feartan sònraichte a luachadh ann am prògraman cànain bogaidh mì-fhoirmeil a chuireas ri leasachadh cànain agus leasachadh pearsanta deugairean Èirinneach. Thèid coimhead an uair sin ri mar a dh’fhaodadh an leithid de sholarachadh a bhith air a chur an-sàs ann an co-theacsa poileasaidh foghlam na Gàidhlig, agus an cànan a’ dol tro atharrachadh susbainteach a thaobh àireamhan agus cleachdaidhean luchd-labhairt.

 

Rebecca Madlener

Rebecca Madlener

Rugadh is thogadh Rebecca san Ostair far an do rinn i fo-cheum ann an cànanas. Rinn i iar-cheum ann an cànanas san t-Suain agus thàinig i dhan Eilean Sgitheanach ann an 2022 airson a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Chòrd e rithe cho math an seo gun do dh’fhuirich i airson PhD a dhèanamh.

Bheir rannsachadh Rebecca sùil air brìgh nam facal Gàidhlig airson fheartan-tìre san latha an-diugh agus tro eachdraidh a’ chànain. ’S iad seo cuid de na ceistean rannsachaidh aice: Dè às ciall do na facail? Ciamar a tha facail airson an aon seòrsa feirt eadar-dhealaichte bho chèile? Nì i obair-raoin le muinntir an Eilein Sgitheanaich, sgrùdadh theagsaichean eachdraidheil agus sgrùdadh ainmean-àite gus na ceistean rannsachaidh aice a fhreagairt. Gheibhear tuigse air ciamar a tha na Gàidheal a’ faicinn an t-saoghail nàdarra man timcheall agus air an ceangal a th’ aca ris an àrainneachd bhon sgrùdadh seo.

 

Liam Alastair Crouse

Liam Alastair Crouse

Às Aimeireaga bho thùs, ghluais Liam a dh’Alba o chionn aon trì leth-dhusan bliadhna airson foghlam oilthighe. Chithear timcheall Uibhist e mar a bu trice, far an d’ rinn e a dhachaigh, agus e a’ seòladh, ag iasgach, no a’ seinn na pìoba, uaireannan uile aig an aon àm.

Tha Liam na oileanach PhD aig Sabhal Mòr Ostaig, ann an co-bhonn ri Tobar an Dualchais agus air a mhaoineachadh le SGSAH. Le sùil air seanchas Èirisgeidh agus Beàrnaraigh na Hearadh, bidh e a’ rannsachadh mar a thèid a’ bheul-aithris a chumadh agus ùrachadh tro ùine ann an coimhearsnachd le bhith a’ sgrùdadh na tasglainn fo chomhair nan cruinneachaidhean beul-aithris eile bho na 1860an air adhart. Bidh e ris an obair-rannsachaidh gu pàirt-ùine, agus obraichean eile aige mar rannsaiche do bhall-pàrlamaid nan Eilean Siar agus mar fhear-smàlaidh ann an Loch Baghasdail.

 

Kate Langhorne

Ceit Langhorne

Tha Ceit Langhorne air a bhith ag obair air a ceann fhèin, ann an dualchas na Gàidhlig airson corra bhliadhna a-nis; a’ gabhail a-steach sèiseanan nan sgeulachdan, òraidean sa choimhearsnachd, ceòl, sgrìobhadh cruthachail agus pod-chraolaidhean. Bidh i ag obair còmhla ri buidheannan ghlèidhteachais is taighean-tasgaidh.

Bidh Ceit a’ rannsachadh sgeulachdan ghaisgeil na Gàidhlig: sgeulachdan a th’ againn ann an co-ionann ri Èirinn is an Eilean Mhanainn ceangailte ri Fionn Mac Cumhaill; Diarmad is Gràinne; Deirdre is Naoise m.s.a.a. Bidh i a’ toirt sùil gu sònraichte air na sgeulachdan seo air cruth-tìre na Gàidhealtachd. Bidh i a’ tarraing bho làmh-sgrìobhainnean; bho chruinneachaidhean; teisteanasan arsaidheachd is clàraidhean bheòil-aithris; airson nan sgeulachdan seo ath-bheothachadh anns an dearbh àite anns an deach iad a steidheachadh. Tha na làraichean sin aig teis-meadhain a’ chòmhraidh farsaing mu chultar is chumhachd. Anns an t-seadh seo cuideachd, tha na sgeulachdan seo na dhòigh airson an daimh a chur an cèill eadar sluagh na sgìre agus an àrainneachd. De chumhachd a th’ aig na sgeulachdan seo airson ar daimh cruthachail, àrainneachdail ath-bheothachadh?

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578