Skip to content
Picture of Rachel

Rachel Schmidt

B’ i Rachel Schmidt às na Stàitean Aonaichte an Neach-ealain air Mhuinntireas fo Sgeama Còmhnaidh Jon Schueler ann an 2018.

Tha Rachel na neach-ealain stàlaidh is bha i stèidhichte aig a’ Cholaiste eadar an t-Iuchar agus an Dàmhair 2018. San ùine sin, dh’obraich i le meadhanan bonntaichte air tìm agus chuir i ealain-stàlaidh air bhonn airson a’ bhuaidh againn air eag-shiostaman, cruthan-tìre ri teachd agus a’ bhuaidh a tha aig ùr-sgeul air an tuigse a th’ againn air an àrainneachd a rannsachadh. Aig deireadh na greis air mhuinntireas aice, chuir Rachel tachartas fuaime/taisbeanadh beò air dòigh san Talla Mhòr ann an cuideachd an luchd-ealain ionadail, Hector MacAonghais agus Caitlin NicCoinnich, agus chaidh an t-airgead a chaidh a chruinneachadh air an oidhche gu Fèis nan Tallachan Beaga aig SEALL. An dèidh dhi tilleadh do na Stàitean, tha Rachel air co-obrachadh thar sàil a chumail a’ dol cuide ris a’ bhàrd Rody Gorman agus an neach-ealain is neach-ciùil Hector MacAonghais, is dh’obraich iad air mìneachaidhean bhidio/fuaime air sreath de dhàin le Rody. Chaidh an àrainn-fuaime a chlàradh aig Stiùidio Ostaig.

Chaidh an taisbeanadh aonair le Rachel Schmidt, ‘Cairn Sounds’, fosgladh aig Gaileiridh Hamiltonian ann an Washington, DC air 12 Faoilleach 2019, far am faicear obair ùr stèidhichte air a greis air mhuinntireas aig an t-Sabhal Mhòr.

Thuirt Rachel: “Thug Sgoilearachd Jon Schueler ùine agus àite dhomh airson ealain a chruthachadh, airson meòrachadh, airson cluich agus airson rudan ùra fheuchainn. Bu toigh leam mo thaing a thoirt dhuibh airson cothrom a thoirt dhomh eòlas a chur air sàr choimhearsnachd de sgoilearan, luchd-ealain, sgrìobhadairean agus luchd-cruthachail. Bidh mi ag innse do dhaoine gun robh a’ ghreis chòmhnaidh coltach ri bhith a’ buannachadh a’ Chrannchair Nàiseanta agus tha an ùine a chosg mi anns an Eilean Sgitheanach air m’ atharrachadh gu bràth agus air fìor dheagh bhuaidh a thoirt orm. Dhrùidh luchd-obrach, amasan is àrainn chruthachail na Colaiste orm, agus bidh mi a-nis a’ sgaoileadh deagh sgeul Shabhal Mòr Ostaig fad is farsaing.”

 

rachel-cairn-sounds
rachel-schmidt-3
Picture of a stage
Picture of dancers on stage

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578