Skip to content
Picture of Rachel

Rachel Schmidt

Be Rachel Schmidt às na Stàitean Aonaichte, an neach-ealain Air Mhuinntireas fo Sgeama Còmhnaidh Jon Schueler ann an 2018.

Tha Rachel na neach-ealain stàlaidh is bha i stèidhichte aig a’ Cholaiste eadar an t-Iuchar agus an Dàmhair 2018. San ùine sin dh’ obraich i le meadhanan bonntaichte air tìm agus chuir i ealain-stàlaidh air bhonn airson a’ bhuaidh againn air eag-shiostaman, cruthan-tìre ri teachd agus a’ bhuaidh a tha aig ùr-sgeul air an tuigse a th’ againn air an àrainneachd a rannsachadh. Aig deireadh na greis air mhuinntireas aice, chuir Rachel tachartas fuaime/taisbeanadh beò air dòigh san Talla Mhòr ann an cuideachd an luchd-ealain ionadail, Hector MacAonghais agus Caitlin NicCoinnich, agus chaidh an t-airgead a chaidh a chruinneachadh air an oidhche gu Fèis nan Tallachan Beaga aig Seall. An dèidh dhi tilleadh do na Stàitean, tha Rachel air co-obrachadh thar sàil a chumail a’ dol cuide ris a’ bhàrd, Rody Gorman, agus an neach-ealain is neach-ciùil, Hector MacAonghais, is dh’ obraich iad air mìneachaidhean bhideo/fuaime air sreath de dhàin le Rody. Chaidh an àrainn-fuaime a chlàradh aig Stiùidio Ostaig. Chaidh an taisbeanadh aonair le Rachel Schmidt, ‘Cairn Sounds’, fosgladh aig Gaileiridh Hamiltonian ann an Washington DC far am faicear obair ùr stèidhichte air a greis air mhuinntireas aig an t-Sabhal Mhòr.

Thuirt Rachel ‘Thug Sgoilearachd Jon Schueler ùine agus àite dhomh airson ealain a chruthachadh, airson meòrachadh, airson cluich agus airson rudan ùra fheuchainn. Bu toigh leam mo thaing a thoirt dhuibh airson cothrom a thoirt dhomh eòlas a chur air sàr choimhearsnachd de sgoilearan, luchd-ealain, sgrìobhadairean agus luchd-cruthachail. Bidh mi ag innse do dhaoine gun robh a’ ghreis chòmhnaidh coltach ri bhith a’ buannachadh a’ Chrannchair Nàiseanta agus tha an ùine a chosg mi anns an Eilean Sgitheanach air m’ atharrachadh gu bràth agus air fìor dheagh bhuaidh a thoirt orm. Dhrùidh luchd-obrach, amasan is àrainn chruthachail na Colaiste orm agus bidh mi a-nis a’ sgaoileadh deagh sgeul Shabhal Mòr Ostaig fad is farsaing.’

 

rachel-cairn-sounds
rachel-schmidt-3
Picture of a stage
Picture of dancers on stage

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578