Seiminear Rannsachaidh: Alison McGillivray
Tùsan airson ceòl traidiseanta, Gàidhealach agus Gallda: smuaintean cellist
Diciadain 04 Samhain 2026 | 13:00
Seòmar an Droma Fhearna, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne.
Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir.
’S e cellist le cliù eadar-nàiseanta a th’ ann an Alison NicGilleBhrath, aig a bheil ùidh shònraichte ann an ceòl eachdraidheil na h-Alba. An-dràsta, tha i a’ rannsachadh mar dh’fhaodadh dòighean-cluiche an-diugh buaidh agus brosnachadh fhaighinn bho fhreumhan Gàidhlig ceòl traidiseanta. Anns an taisbeanadh seo, bidh smuaintean cellist bho mheadhan an ochdamh linn deug ’gan cur gu feum gus sgrùdadh a dhèanamh air fianaisean co-aimsireil, ’nam measg peantaidhean, sgrìobhadh-ciùil, cleachdaidhean-gnìomha, agus an ionnstramaid fhèin. Le seo, thèid fuinn a shoilleireachadh dhuinn: seann fheadhainn agus feadhainn ainmeil.
Anns an òraid-thaisbeanaidh seo, thèid eisimpleirean-ciùil a chleachdadh bho: James Oswald, Caledonian Pocket Companion, Leabhar 6 (1755) agus Simon Fraser, Airs and Melodies Peculiar to the Highlands of Scotland and the Isles (1816)
Clàraich airson seiminear Alison McGillivray

