Skip to content

Seiminear Rannsachaidh: Liam Crouse

Seanchas Gàidhlig Uibhist san Fhicheadamh Linn

Diciadain 18 Samhain 2026 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig

Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne.
Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir. 

Bheir an òraid seo sùil air atharrachadh agus ùrachadh ann an seanchas Uibhist, a’ cur gu stàth cuid de na prìomh chruinneachaidhean de bheul-aithris tron fhicheadamh linn, Tobar an Dualchais nam measg. Cuimsichte air eisimpleirean à dà sgìre – Èirisgeidh agus Beàrnaraigh na Hearadh – breithnichear air an liuthad bhuaidh a th’ aig sgeulaiche, agus sgeulaichean, air cumadh agus aiseag an dualchais-bheòil tro ùine gus ceist às ùr a thogail air cho glèidhteach agus a tha a’ bheul-aithris. Tha an òraid ’na geàrr-chunntas air toraidhean bho thràchdas PhD stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig UHI.

Clàraich airson seiminear Liam Crouse

Ainm slàn(Riatanach)
Liam Crouse

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578