
Oileanachas-Dotaireachd Co-obrachail AHRC (CDP) – Cultar Dùthchasach: Corporrachadh Cultaran na Gàidhlig ann an Alba an Aonamh Linn thar Fhichead.
Ceann-latha tòiseachaidh: 1 Dàmhair 2022
Ceann-latha tagraidh: Diardaoin 12 Cèitean 2022
Thèid agallamhan a chumail air 26 Cèitean (air-loidhne).
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba fìor thoilichte a chur an cèill gu bheilear a’ tabhann oileanachas-dotaireachd co-obrachail, làn-mhaoinichte, bho Dhamhair 2022 fo sgèith Sgeama-Caidreachais Dotaireachd Co-obrachail aig an AHRC.
Bidh e mar phrìomh dhleasdanas aig an oileanach rannsachadh a dhèanamh mu ciamar a nì luchd-labhairt na Gàidhlig agus coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba an latha an-diugh conaltradh agus eadar-obrachadh le nithean cho math ri cànanan. Nì iad sgrùdadh air na dàimhean iom’-fhillte eadar cànan na Gàidhlig agus mar a thig i am follais gu corporra ann an nithean, tro obair-rannsachaidh stèidhichte air cruinneachaidhean agus air rannsachadh stèidhichte air obair-choimhearsnachd.
’S ann air a stiùireadh leis an Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart agus an Dr Sarah Laurenson a bhios am pròiseact. Thathas an dùil gun cuir an t-oileanach seachad ùine an dà chuid aig Sabhal Mòr Ostaig agus aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba, cho math ri pàirt a ghabhail anns a’ bhuidheann nas sgapte de dh’oileanaich le maoineachadh CDP air feadh na RA. Gabhaidh an t-oileanachas a sgrùdadh làn-ùine air neo pàirt-ùine. Dh’iarradh sinn air buidheann de dh’oileanaich cho farsaing ’s a ghabhas a chur a-steach airson an oileanachais CDP seo, agus chuireadh sinn fàilte air tagraidhean bho oileanaich as bith cò às a tha iad. Chuireadh sinn fàilte gu h-àraid air oileanaich bho bhunan Dubha, Àisianach, Mion-shluaghach, Cinealach (DAMC), leis cho tearc ’s a tha iad aig an ìre den raon seo. Bu chòir dha tagraidhean a bhith fileanta ann an Gàidhlig na h-Alba (labhartha agus sgrìobhte), agus bu chòir gum bi—no gum bi dùil aca ri—teisteanas aig ìre Maighstireachd, air neo gur urrainn dhaibh dearbhadh gu bheil eòlas co-ionnan aca ann an suidheachadh proifeiseanta.
Geàrr-iomradh air a’ Phròiseact
Dha iomadach mìle Albannach an-diugh, tha conaltradh ann an Gàidhlig na h-Alba mar phàirt mhòir dem beatha làitheil. Air a’ chiad uair a-riamh, a thuilleadh air cànan, bidh am pròiseact seo a’ beachdachadh air mar a thèid fèin-ìomhaighean Gàidhlig a chur an cèill gu corporra: tro nithean, innealan, agus àrainneachdan. Aig teis-meadhan an sgrùdaidh eadar-chuspaireil seo gheibhear am bun-bheachd tùsail ‘eag-eòlas cànain’: mar a bhios cànanan, àiteachan, agus an saoghal corporra ag obair còmhla. Tro obair-sgrùdaidh dhomhainn, agus tro bhith ag obrachadh gu dlùth ri coimhearsnachdan air na Gàidhealtachdan a tha fhathast air mhaireann anns an iar-thuath, air neo coimhearsnachdan coicheangailte riutha, nì an t-oileanach rannsachadh mu eag-eòlais cànain na Gàidhlig, gus aithne agus anailis a dhèanamh mu chomharran cultarach a bhuineas, ann am beachdan dhaoine, gu sònraichte ris a’ Ghàidhlig. Le bhith a’ tarraing air smuaintean agus seallaidhean ùra bho raointean acaideimigeach coicheangailte ri conaltradh anns an t-seagh as fharsainge, nì an t-oileanach rannsachadh mu mar a thèid nithean a chur gu feum gus beachdan, faireachdainnean, cuimhneachain, dàimhean, agus fèin-aithnean a chur an cèill. Le seallaidhean dealasach air a’ chànan an-dè, an-diugh, agus a-màireach, cuirear buaidh gu h-àraid air ciamar a bhios an òigridh a’ gabhail ris an dìleab Ghàidhlig aca, ann an raointean corporra agus raointean didseatach, ann an saoghal ioma-chànanach, dlùth-chruinnichte.
Tha mu dhà mhuillion nì ann an cruinneachaidhean Eachdraidh na h-Alba agus Airceòlais aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba, nam measg rudan gun an samhail ann airson beatha chultarach na h-Alba eadar 1750 agus an latha an-diugh a shoilleireachadh. A thaobh leasachadh nan cruinneachaidhean, am measg nam prìomh amasan tha cruinneachadh san latha an-diugh, agus a’ cur ri cruinneachaidhean bhon fhicheadamh linn. Tha na h-iomairtean seo a’ toirt a-steach obair-rannsachaidh agus obair-riochdachaidh sheallaidhean co-aimsireil mun Ghàidhlig, agus cuideachd a bhith a’ cur nan cruinneachaidhean a th’ ann mar-thà gu feum ann an dòighean ùr-ghnàthaichte gus eachdraidh nan Gàidheal eadar-mhìneachadh. Ann a bhith ag obair le coimhearsnachdan Gàidhlig, bidh am pròiseact a’ gabhail gnothaich ris na dùbhlain a tha ron Ghàidhealtachd an-diugh, mar dhùthaich a tha fo bhruaillean a thaobh eaconamaidh agus àrainneachd, agus ann an staing nach beag a thaobh seasmhachd an t-sluaigh anns an àm ri teachd. Cuidichidh am pròiseact ann a bhith a’ cur ri cruinneachaidhean Gàidhlig co-aimsireil, agus a bhith a’ toirt air adhart ro-innleachdan cruinneachaidh agus eadar-mhìneachaidh, cho math ri bhith a’ cur air ghleus dhòighean-obrach soifistigeach coicheangailte ri cultar dùthchasach.
Le bhith a’ tarraing air sàr-eòlas nan Taighean-tasgaidh ann an cultar-dùthchasach agus ann an obair tasg-eòlais, agus le bhith a’ cur gu feum chèisean-mìneachaidh ùr-ghnàthaichte air an tarraing bho sgoilearachd ùir ann an rannsachadh-conaltraidh, bidh am pròiseact a’ sgrùdadh nan dàimhean toinnte eadar cultar dùthchasach agus cànan na Gàidhlig. Seallaidh e na pròiseasan leis am bi daoine a’ gabhail gnothaich ri chèile tro nithean, ’s iad a’ dealbhadh, a’ cur an cèill, agus ag ath-chruthachadh iomadach seòrsa de dh’fhèin-aithne chaochlaidich aig an aon àm. Cuiridh e ri beachdan sgoilearachd Ghàidhlig na h-Alba, ’s i gu ruige seo na cothlamadh de dheifir raointean-eòlais aig a bheil mar phrìomh amharc am facal labhartha agus sgrìobhte a chlàradh agus a rannsachadh. Nì e tabhartas susbainteach as leth sgoilearachd a’ chultair dhùthchasaich, gu seachd àraid a thaobh ‘corporrachd ioma-chànanachais’. Bheir e dhuinn cuideachd tuigsean ùra mu mhion-chànanan ann an cunnart, cho math ri beachdan mu shlighean air adhart a chuidicheas le bhith gan cumail beò.
Chaidh am pròiseact a dhealbhadh le fòcas soilleir a nì comasach gur soirbhich leis an obair-rannsachaidh ann an dòigh cho-fhiosaich, fo bhuaidh an oileanaich, nan cruinneachaidhean, agus nan coimhearsnachdan cho math.
Am measg nan ceistean-rannsachaidh tha:
- Dè dìreach a nì rud no inneal sònraichte ‘Gàidhlig’ na ghnè?
- Ciamar a b’ urrainn dhuinn cultar dùthchasach Gàidhlig a shònrachadh?
- Ciamar a chuireas cultar dùthachasach ri fèin-aithnean Gàidhlig, ’s iad air an dealbhadh agus air an cruthachadh eadar ginealaichean, agus an cànan ’s an cultar a’ sìor atharrachadh?
- Ciamar a bhios cànan na Gàidhlig—sgrìobhte agus labhartha, ann an clò agus air-loidhne—agus cultar dùthchasach a’ dol an altan a chèile?
- Ciamar a dh’fhaodadh Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba fheuchainn ri cruinneachadh susbainteach a chur ri chèile a riochdaicheas na deifir thaobhan, iom’-fhillte caochlaideach, de dh’fhèin-aithnean Gàidhlig?
- Ciamar as urrainn dhuinn tuigse nas fheàrr fhaighinn mu nàdar nan coimhearsnachd Ghàidhlig, agus mu ùisneachadh a’ chànain anns na coimhearsnachdan ud, le taic bhon bheachd ‘cultar dùthchasach Gàidhlig’?
Mion-fhiosrachadh mun Duais
Tha tabhartasan-trèanaidh dotaireachd CDP a’ maoineachadh oileanachasan làn-ùine airson 45 mìosan (3.75 bliadhnachan) air neo na bhios co-ionnan riutha, pàirt-ùine. Faodar 3 mìosan a bharrachd a chur ris an oileanachas gus cothroman-leasachaidh proifeiseanta a sholarachadh, air neo faodar 3 mìosan de mhaoineachadh a chur gu feum gus cosgaisean an oileanaich a phàigheadh an lùib chothroman-leasachaidh proifeiseanta.
Pàighidh an tabhartas cìsean-oideachais suas gu ruige luach ìre UKRI dhùthchail làn-ùine airson cheumannan PhD. ’S e £4,596 Ìre-Chìse Chomharrach Chomhairlean-Rannsachaidh na RA.
Pàighidh an tabhartas beathachadh slàn dha oileanaich uile, dùthchail air neo eadar-nàiseanta. ’S e £16,062 an Dligheadh-Airgid Nàiseanta as Ìsle airson 2022/23, cho math ri pàigheadh-beathachaidh CDP de £550 sa bhliadhna.
Feumaidh an t-oileanach fuireachd astar-siubhail reusanta air falbh bhon Bhuidheann-Rannsachaidh no bhon bhuidheann cho-obrachail aca, gus dèanamh cinnteach gum b’ urrainn dhaibh conaltradh cunbhalach a chumail ris an roinn agus ris an neach-stiùiridh aca.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làraich-lìn UKRI: https://www.ukri.org/skills/funding-for-research-training/
Tha Tabhartas-Taice Trèanaidh-Rannsachaidh luach £3,000 aig a’ phròiseact, air a sholarachadh le Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba airson chosgaisean-pròiseict a bharrachd.
Faodar am pròiseact seo a ghabhail os làimh làn-ùine air neo pàirt-ùine.
Freagarrachd
- Tha an t-oideachas seo fosgailte an dà chuid dha luchd-tagraidh Dùthchail agus Eadar-nàiseanta.
- Gus a bhith air am measadh mar oileanach dùthchail, feumaidh luchd-tagraidh na slatan-tomhais a leanas a choilionadh:
- Saoranachd Nàiseanta na RA (a’ coilionadh shlatan-tomhais còmhnaidh), air neo
- Inbhe Shuidhichte, air neo
- Inbhe Ro-shuidhichte (a’ coilionadh shlatan-tomhais còmhnaidh), air neo
- Cead Fuireachd no Inntrigidh gun cheann-latha
Gheibhear tuilleadh stiùiridh an seo: https://www.ukri.org/wp-content/uploads/2021/02/UKRI-030221-Guidance-International-Eligibility-Implementation-training-grant-holders-V2.pdf
- Tha sinn airson sgaoilteachd fharsaing de dh’iarrtasan a bhrosnachadh gus cur a-steach airson oileanachas CDP. Thèid fàilte sònraichte blàth a chur air tagraidhean oileanaich bho bhunan Dubha, Àisianach, Mion-shluaghach, Cinealach (DAMC), leis cho tearc ’s a tha iad aig an ìre den raon seo.
- Bu chòir dhan luchd-tagraidh a bhith fileanta ann an Gàidhlig na h-Alba (labhartha agus sgrìobhte), agus bhiodh e feumail nan robh ceum iomchaidh aca aig ìre Maighstireachd (air neo dùil aca ris), air neo gun robh eòlas co-ionnan aca ann an suidheachadh proifeiseanta. Thèid gabhail ri grunn chuspairean eadar-dhealaichte, nam measg Gàidhlig agus/air neo Eòlas na Ceiltis, Eachdraidh, Airceòlas, Antroipeòlas, Eitneòlas, Eachdraidh Ealain, Eòlas na h-Alba, Litreachas, air neo Eòlas Thaighean-tasgaidh.
- Bu chòir dha luchd-tagraidh ùidh ann an raon nan taighean-tasgaidh a dhearbhadh, agus sealltainn gu bheil iad comasach agus dealasach gus leasachadh farsaing a thoirt air an cuid sgilean ann an raointean-eòlais eile a bhuineas ris an raon seo.
- Mar thabhartas co-obrachail, thathas an dùil gun cuir oileanaich ùine seachad aig Sabhal Mòr Ostaig OGE agus aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba, agus gum fuirich iad aig astar reusanta bho thè den dà làraich ud fhad ’s a mhaireas am PhD.
- ’S urrainn don neach-tagraidh shoirbheachail pàirt a ghabhail ann an Tachartasan-Leasachaidh Buidhne CDP. Faodaidh iad frithealadh air trèanadh-catailis, air sgoiltean-samhraidh, agus air cothroman greis-gnìomhachais fo sgèith Sgoil Iar-cheumnach na h-Alba airson Ealain agus Dhaonnachdan.
N.B. Feumaidh gach neach-tagraidh teirmean agus slatan-tomhais maoineachaidh UKRI a choilionadh. Faic:
https://www.ukri.org/funding/information-for-award-holders/grant-terms-and-conditions/
An Tagradh
Bu chòir dha luchd-tagraidh aon phost-d a chur a-steach:
- geàrr-chunntas curriculum vitæ
- iomradh goirid (2 dhuilleig air a’ char as fhaide) a’ toirt seachad tuairisgeul mu mar a tha thu uidheamaichte airson an oileanachais, cho math ris na chiad smuaintean agad a-thaobh mar a ghabhadh tu timcheall air a’ phròiseact. Mur a h-eil teisteanas Maighstireachd agad, bu chòir dhut geàrr-iomradh a dhèanamh air na sgilean, eòlas, agus fiosrachadh sònraichte feumail a fhuair thu a thuilleadh air inbhe fho-cheum, a ghabhadh measadh air an aon ìre ri sgrùdadh Maighstireachd.
- dà theisteanas acaideimigeach chrìochnaichte.
Thèid cuireadh a thoirt dha luchd-tagraidh air a’ gheàrr-liosta eacarsaich ghoirid thar-sgrìobhaidh sa Ghàidhlig a chrìochnachadh mu chuspair coicheangailte ri cultar dùthchasach, mus tachair an t-agallamh.
Cuiridh an neach-tagraidh soirbheachail ri chèile tagradh-clàraidh air-loidhne airson a’ PhD ann an Gàidhlig agus Cuspairean Coicheangailte 2022/23.
Feuch gun cuir thu an tagradh post-d agad gu ro 5f air 12 Cèitean 2022 air a’ char as anmoiche.
Ma tha ceist sam bith agad mun phròiseact, an cuir thu post-d gu Abigail Burnyeat, Ceannard Rannsachaidh Shabhal Mòr Ostaig, .