SEACHD PRIONNSABALAN
Tha GDPR a’ cur an cèill seachd prìomh phrionnsabalan airson dàta pearsanta a làimhseachadh gu laghail. Tha cruinneachadh, eagrachadh, tasgadh, atharrachadh, comhairleachadh, cleachdadh, conaltradh, co-mheasgachadh, bacadh, dubhadh às agus milleadh dàta pearsanta an lùib na h-obrach làimhseachaidh seo. ’S iad seo na seachd prionnsabalan:
- Laghalachd, cothromachd is follaiseachd
- Cuibhreachadh adhbhair
- Fìor-lùghdachadh dàta
- Cruinneas
- Cuibhreachadh tasgaidh
- Treibhdhireas agus dìomhaireachd (tèarainteachd)
- Cunntachalachd
Tha na prionnsabalan seo aig teis-meadhan dìon dàta Coitcheann agus làimhseachadh a rèir stiùiridh. ’S e rianairean dàta a tha an urra ri gèilleadh ris na prionnsabalan agus feumar taisbeanadh gu bheilear a’ gèilleadh.
Tha barrachd fiosrachaidh air na prionnsabalan agus mar a tha iad an sàs ann an dreach slàn nan seachd prionnsabalan an seo.
Thèid dàta pearsanta:
“(a) a làimhseachadh gu laghail, gu cothromach agus gu follaiseach (‘laghalachd, cothromachd is follaiseachd )
(b) a chruinneachadh air adhbharan sònraichte, soilleir is iomchaidh a-mhàin agus cha tèid a làimhseachadh a bharrachd ann an dòigh nach eil a rèir nan adhbharan sin; cha bhi làimhseachadh a bharrachd às leth a’ mhòr-shluaigh, saidheans no rannsachadh eachdraidheil air a mheas nach eil e freagarrach a rèir an adhbhair thùsail (‘cuibhreachadh adhbhair’)
(c) a chumail gu h-iomchaidh, gu freagarrach agus a rèir na tha riatanach air an adhbhar air a bheilear ga làimhseachadh (‘fìor-lùghdachadh dàta’)
(d) a chumail cruinn agus, far am feumar, air ùrachadh; thèid gach ceum reusanta a chur an sàs gus am bi an dàta pearsanta nach eil ceart, air an adhbhar a thathar ga làimhseachadh, ga dhubhadh às no ga cheartachadh gun dàil (‘cruinneas’)
(e) a chumail ann an riochd a dh’adhbharaicheas aithneachadh chuspairean dàta cho fad is a tha sin riatanach air adhbharan làimhseachaidh an dàta; faodar dàta pearsanta a thasgadh nas fhaide cho fad is a tha an dàta air a làimhseachadh air adhbharan tasgaidh às leth a’ mhòr-shluaigh, saidheans no rannsachadh eachdraidheil no adhbharan staitistigeach airson dòighean-obrach teicnigeach no bhuidhneil a chur an sàs a rèir GDPR airson còraichean is saorsa dhaoine a dhìon (‘cuibhreachadh tasgaidh’)
(f) a làimhseachadh ann an dòigh anns a bheil tèarainteachd iomchaidh den dàta phearsanta, a leithid dìon ro làimhseachadh gun chead is mì-laghail agus ro chall, milleadh no cron, tro dhòighean-obrach teicnigeach iomchaidh is buidhneil (‘treibhdhireas agus dìomhaireachd’).”
Ma tha ceist sam bith agad mu dheidhinn dìon dàta aig Sabhal Mòr Ostaig cuir fios dhan Rianaire Dìon Dàta aig .