An Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart, Sabhal Mòr Ostaig
‘Leabhran aig an robh barrachd buaidh na leabhar sam bith eile (a-mach on Bhìoball fhèin) air beachdan is beusan sluagh na h-Albann’: mar a chaidh Leabhar Aithghearr nan Ceist a chur ri chèile’.
Diciadain 26 Gearran 2025 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne. Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir.
Anns an òraid seo, bidh An Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart a’ coimhead air eachdraidh leabhar beag a tha gu ro thric air a leigeil seachad, ach aig an robh barrachd buaidh air muinntir na Gàidhealtachd seach leabhar eile sam bith ach a-mhàin, ’s dòcha, am Bìoball fhèin.

Airson còrr agus trì linntean, dh’fheumadh Gàidheil òga ann an sgìrean clèireach na b’ urrainn dhaibh de na 107 ceistean is freagairtean ann an Leabhar Aithghearr nan Ceist fhaighinn air an teanga: dhan mhòr-shluagh, b’ e sin bonn-stèidh teagasg na h-eaglaise. Bha uair ann, nan robh thu às aonais ‘nan ceistean’, nach b’ urrainn dhut baisteadh fhaighinn dha do leanabh, no pàirt a ghabhail anns a’ chomanachaidh.
Bidh Dr Stiùbhart a’ beachdachadh air mar a thàinig Leabhar Aithghearr nan Ceist, no Foirceadul Aithghearr Cheasnuighe mar a bh’ aca air aig an àm, gu bith anns na 1650an. B’ ann fada, dùbhlanach, agus connspaideach a bha an obair eadar-theangachaidh a rinneadh air an Shorter Catechism Bheurla (1648) le ministearan Sheanadh Earra-Ghàidheal. Tha e follaiseach nach do chòrd an leabhran Gàidhlig ris na h-uile idir nuair a nochd e mu dheireadh thall ann an 1653, air deifir adhbharan. Sia bliadhna às dèidh sin, thàinig dàrna deasachadh an clò, ’s e air ath-ùrachadh agus, ma b’ fhìor, na b’ fhasa a thuigsinn dhan mhòr-shluagh, na b’ fhaisge air a’ chainnt aca fhèin. Gu dearbh, ’s ann anns an leabhar bheag bhrisg seo a thòisicheas litreachas Ghàidhlig na h-Alba.