Skip to content

An Dr Victoria Whitworth

Leabhar Cheanannais: An deach a chruthachadh ann am Machair Rois?

Diciadain 25 Màrt 2026 | 13:00
Seòmar Shomhairle, IIN, Sabhal Mòr Ostaig

Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne.
Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir. 

Chanadh gu leòr gur e Leabhar Cheanannais an làmh-sgrìobhainn as ainmeile san t-saoghal. Ach a thaobh far an deach a chur ri chèile, chan eil fios is cinnt aig duine. Chanadh a’ mhòr-chuid gum b’ ann ann an Eilean Ìdhe a rinneadh e, ach anns a’ phàipear seo cluinnear beachd eile.

Book of Kells

Ma bheirear sùil gheur air an làmh-sgrìobhainn fhèin, le sealladh nas fharsainge air ealain, gràbhalachd, agus arc-eòlas an ama, dh’fhaodadh e bhith gun deach Leabhar Cheanannais a chruthachadh anns an taigh-mhanach Chruithneach ann am Port Mo Chalmaig.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578