Rona Wilkie
Buaidh seinn agus cluiche ciùil ann an Gàidhealtachd na h-Alba às dèidh na Goirte Mòire
Diciadain 18 Gearran 2026 | 13:00
Seòmar Shomhairle, IIN, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne.
Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir.
Nì am pàipear seo beachdachadh air a’ bhuaidh a bh’ aig seinn agus cluiche ciùil ann a bhith ag ath-ùrachadh choimhearsnachdan Gàidhealach anns na bliadhnaichean às dèidh na Goirte, tro dhlùth-sgrùdadh air buannachdan leigheiseach an lùib pàirt a ghabhail ann an ceòl.
Bhiodh Gàidheil an sàs le ceòl ann am iomadach dòigh aig an à mud – gus eachdraidh a ghlèidheadh, deasbad a chumail, air adhbharan dibhearsain agus mar chuideachadh-obrach.
Air a’ chiad dol a-mach, nì am pàipear sgrùdadh air susbaint faireachdainnean nan òran gus draghan agus trioblaidean nan daoine a thuigsinn aig an àm ud. San dàrna àite, cuiridh an pàipear na h-òrain seo ann an co-theacs le bhith a’ beachdachadh air mar a chaidh an gabhail, le seallaidhean teòirigeach bho raointean-eòlais leithid sgrùdadh-ciùil, saidhceòlais, agus leigheas-ciùil.
Leis an sin, faodar tomhais mun bhuaidh a bh’ aig seinn ann an coimhearsnachd agus cluiche ciùil air slàinte-inntinn Ghàidheal tron àm ud.

