Skip to content

Seiminear-rannsachaidh: An t-Oll. Ùisdean Cheape

A’ leantainn ceumannan Iain Luim agus Abraich eile ann am Bràigh Loch Abar

Diciadain 06 Samhain 2024 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne

As t-samhradh 2021, nuair a bha mi ag èisteachd ri naidheachdan agus eadhan sgeulachdan mu Iain Lom ann am Bràigh Loch Abar, fhuair mi rudeigin iongantach. Thòisich mi ri tadhail air làraich taigh a’ bhàird còmhla ri daoine a bhuineas dhan sgìre, agus an uair sin bhuail e orm gun robh beul-aithris ann fhathast mun bhàrd agus mu dhaoine eile a bha beò anns an t-seachdamh linn deug—agus gur math a b’ fhiach e a bhith a’ dùsgadh an eòlais seo agus ga thrusadh. ’S e seo obair-rannsachaidh a tha fhathast a’ tighinn ri chèile, o chionn ’s gur e cur-seachad nan saor-làithean agus còmhradh an taic an teine a th’ ann.

Clàraich airson seiminear An t-Oll. Ùisdean Cheape

 

Ainm slàn(Required)

An t-Oll. Ùisdean Cheape

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578