Skip to content
Picture of staff member

An Dr Marsaili NicLeòid

Iar-Phrionnsapal & Stiùiriche an Fhoghlaim

+44(0) 1471 888 302

Tuairisgeul pearsanta

Tha Marsaili na Stiùiriche Foghlaim le uallach airson gnothaichean acadaimigeach aig an t-Sabhal. Tha uallach air Marsaili airson Teagasg agus Ionnsachadh, Rannsachadh is Aiseag-eòlais, Seirbheis an Leabharlainn agus Seirbheisean nan Oileanach.

Choisinn Marsaili PhD ann an Cruinn-eòlas Sòisealta bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 2009. Bha i na rannsaiche iar-dhotaireil aig Colaiste Àiteachais na h-Alba (SRUC) agus Oilthigh na Bànrigh, Beul Feirste, mus do thill i do dh’Oilthigh Obar Dheathain far an robh i an toiseach na rannsaiche agus an uair sin na h-òraidiche ann an Eòlas Gàidhlig eadar 2011 is 2018. Tha an obair rannsachaidh is teagaisg aig Marsaili stèidhichte air togail cànain Gàidhlig ann an inbhich, cànan agus dearbh-aithne, agus poileasaidh is planadh mhion-chànanan. Lean i Iain Tormod MacLeòid mar an dàrna duine san dreuchd Stiùiriche an Foghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2018.

Teisteanas

  • MA (Urram) ann an Cruinn-eòlas (1d chlas), (Oilthigh Ghlaschu)
  • MSc. Rural & Regional Resources Planning (le Àrd-urram) (Oilthigh Obar Dheathain)
  • PhD (Oilthigh Obar Dheathain)

Rannsachadh

Tha Marsaili na neach saidheans-sòisealta le ùidh shònraichte ann an ùrachadh cànain, teagasg agus ionnsachadh na Gàidhlig agus planaichean is poileasaidhean ’son mhion-chànanan. Tha eòlas aig Marsaili cuideachd ann a bhith a’ sgrùdadh atharrachadh sòisealta ann an coimhearsnachdan dùthchail agus iomallach.

Bha i na ball de Shoillse, lìonra nàiseanta rannsachaidh airson glèidheadh agus ath-bheothachadh na Gàidhlig, eadar 2011-18 agus na co-dheasaiche air an leabhar ‘Gaelic in contemporary Scotland: the revitalisation of an endangered language’, a chaidh fhoillseachadh ann an 2018 fo Edinburgh University Press.

Bha i na co-dheasaiche airson na h-iris Scottish Gaelic Studies, an iris eadar-nàiseanta airson eòlas Gàidhlig, 2014-18, agus tha i air obair acadaimigeach fhoillseachadh ann an irisean eadar-nàiseanta a’ gabhail a-steach Scottish Geographical Journal, Regional Studies, Sociologia Ruralis, Journal of Rural Studies, Population, Space and Place, Scottish Geographical Journal, agus Journal of Rural and Community Development.

Teagasg

Stiùireadh Thràchdasan PhD & MRanns

Chuireadh Marsaili fàilte air iarrtasan bho luchd-tagraidh aig a bheil ùidh ann an ceumannan rannsachaidh aig ìre for-cheum sna cuspairean a leanas:

  • ùrachadh cànain
  • teagasg agus ionnsachadh na Gàidhlig
  • planaichean is poileasaidhean ’son mhion-chànanan

Oileanaich Rannsachaidh

Oileanaich MRanns (leantainneach)

Isabelle Flower ‘Beachdan luchd-labhairt na Gàidhlig air cleachdadh na Beurla’. Co-stiùiriche còmhla ri Tim Armstrong.

Oileanaich PhD (crìochnaichte)

Ingeborg Birnie (Sgoileireachd Shoillse), PhD. ‘‘Gàidhlig ga bruidhinn an seo?’ – Linguistic practices and Gaelic language management initiatives in Stornoway, the Western Isles of Scotland’. Co-stiùiriche còmhla ri Michelle NicLeòid (Oilthigh Obar Dheathain).

Fanch Bihan-Gallic (Sgoilearachd Eòlas Ceiltis AHRC), PhD. ‘Informal language learning spaces for adult speakers of Scottish Gaelic’. Prìomh neach stiùiridh còmhla ri Michelle Macleod (Oilthigh Obar Dheathain).

 

Fios a bharrachd

Co-òrdanaiche, Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Sponsair a’ phròiseict, SpeakGaelic

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578