Skip to content
Picture of staff member

Aonghas L. MacLeòid

Bòrd Stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig


Tuairisgeul pearsanta

‘S ann a Stafainn san t-Eilean Sgitheanach a tha Aonghas ach an-diugh tha e a’ fuireach ann an Calanais ann an Eilean Leòdhais. Tha e air a bhith an sàs ann an gnìomhachas cuaraidhean agus rathaidean air feadh na h-Eileanan an Iar agus air tìr-mòr thar iomadh bliadhna, na stiùiriche airson còrr air fichead bliadhna. Bho leig e dheth a dhreuchd, tha e air a bhith na bhall de Urras an Taighe Mhòir ann am Breascleit. Tha ùidh aig Aonghas ann am ball-coise agus ann a bhith ag èisteachd ri ceòl agus òrain Ghàidhlig.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578