Skip to content
Picture of staff member

Aonghas MacAonghais

Iar-chathraiche, Bòrd Stiùiridh Shabhal Mòr Ostaig


Tuairisgeul pearsanta

Thogadh Aonghas ann am Paibeil, Uibhist a Tuath. Chaidh e dhan sgoil ionadail agus gu Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Tha e air a bhith an sàs ann an gnìomhachasan togail airson còrr is deich air fhichead bliadhna, an deich bliadhna mu dheireadh aig ìre stiùiriche. Tha ùidh mhòr aig Aonghas ann an spòrs, agus ann an iomain gu sònraichte. Tha e na urrasair aig Comann Camanachd Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578