Tuairisgeul pearsanta
Thàinig Caoimhín gu Sabhal Mòr Ostaig ann an 1991 mar neach-teagaisg coimpiutaireachd, agus an uair sin sloinntearachd cuideachd. Bhon uair sin tha e air tòrr ghoireasan Gàidhlig (agus Gaeilge) a chur air an eadar-lìon. Tha e air a bhith an sàs mar neach-prògramaidh ann an sreath de phròiseactan Eòrpach bho 2007, a chur goireasan air an eadar-lìon airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus cànanan eile.
Teisteanas
- BSc (le Urram) agus MSc (Oilthigh Ghlaschu);
- PhD (Oilthigh Chambridge)
Rannsachadh
Rud sam bith a bhuineas ri goireasan airson luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt na Gàidhlig agus cànanan eile a chur air an Eadarlìon, gu h-àraid tro bhith a’ ceangal stòran-dàta agus faclairean ri duilleagan WWW. Beagan eisimpleirean:
Bunadas
https://www3.smo.uhi.ac.uk/teanga/bunadas/
An Sruth
https://www3.smo.uhi.ac.uk/teanga/sruth/
Multidict, Wordlink agus Clilstore
http://multidict.net/