Skip to content
Picture of staff member

Dànaidh MacRath

Ball de Bhòrd Sabhal Mòr Ostaig


Tuairisgeul pearsanta

Tha Dànaidh MacRath as na Hearadh agus an dèidh foghlam an toiseach air an eilean,chaidh e gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis.

Chuir e seachad còrr is ceathrad bliadhna ann am bancaireachd, gu ìre mhòr ann am bancaireachd ghnìomhachais.

Le Ghàidhlig bhon ghlùin, bha e cuideachd na Stiùiriche agus na Iar-Cheannard air a’ Chomunn Ghàidhealaich agus na Urrasair agus Ionmhasair aig Urras Brosnachaidh na Gàidhlig. Tha e na bhall de Instituid Clàraichte nam Bancairean.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578