
Diane Beattie
Òraidiche ann am Foghlam Thidsearan01471 888 321
Tuairisgeul pearsanta
Tha Diane na h-òraidiche anns an sgioba Fhoghlam Thidsearan. Thàinig Diane dhan t-Sabhal airson a’ chiad uair ann an 2015 mar oileanach air a’ chùrsa chomais. Lean i oirre le ceum ann an Gàidhlig agus Foghlam, agus ‘s i a’ chiad tè a cheumnaich bhon phrògram ùr ann an 2019 aig ìre na h-àrd sgoile. Bhon uair sin, tha i air a bhith ag obair ann an àrd-sgoil ann an Inbhir Nis, a’ teagasg measgachadh de chuspairean FMG.
Tha Diane cuideachd air a bhith an sàs ann an iomairtean agus pròiseactan eile ceangailte ri foghlam – leithid Cearcall Leasachaidh a’ Churraicealaim aig Foghlam Alba, a’ co-obrachadh le BBC BITESIZE agus le Ùghdarras Nàiseanta na h-Alba.
Teisteanas
BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam, Sabhal Mòr Ostaig (2019)
Ag amas air MEd Foghlam Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig (an làthair)
Teagasg
Cùrsa BA UXQ10
- UQ508507: Foghlam Gàidhlig ann an Alba
- UX108013 Ag Amas air Teagasg 2
- UQ509840: Clann agus an Ionnsachadh
- UQ509841: Greisean-sgoile 1
- UQ510854: An Neach-dreuchdail Breithneachail agus Feòrachail
- UQ510854: Greisean-sgoile 2
PGDE UX130
- UX110005: Practas Proifeasanta (PGDE – àrd-sgoil)
MEd UQ539
- UX311207: Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg 1
- UX311201: Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg 2
Clàr Ùidhean
Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (Tidsear Clàraichte)
Comann Luchd-teagaisg Àrd-sgoiltean (Ball Clàraichte)

