
Joy Dunlop
Neach Teagaisg air a' Chùrsa InntrigidhTuairisgeul pearsanta
Tha Joy Dunlop na h-oide air-loidhne air a’ Chùrsa Inntrigidh agus a’ Chùrsa Adhartais, agus bidh i gu tric a’ teagasg chùrsaichean samhraidh aig an t-Sabhal.
’S ann às a’ Choingheal ann an Earra-Ghàidheal a tha i bho thùs, ged a tha i a-nis stèidhichte ann an Glaschu. Rinn i ceum le urram ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig agus bhon uair sin, tha i air a bhith ga bogadh fhèin ann an cànan agus cultar na Gàidhlig.
A bharrachd air obair an t-Sabhail, ’s i preasantair SpeakGaelic, an sreath ionnsachaidh ùr agus bidh i a’ lìbhrigeadh na h-aimsire air BBC Scotland agus BBC ALBA, am measg iomadh prògram eile. ’S e seinneadair Gàidhlig agus dannsair a th’ innte agus tha ùidh shònraichte aice ann an òrain à sgìre Earra-Ghàidheal. Tha i gu mòr an sàs ann an còisirean Gàidhlig agus ’s i stiùiriche Còisir Alba, a’ chiad riochdachadh a bha riamh aig Alba ann am farpaisean Eurovision.